"Foillsicheadh Cal Mac clàr-ama bliadhna air thoiseach"

Bàt-aiseig

Thàinig iarrtas bho Chomhairle nan Eilean Siar gun tèid clàran-ama Chal Mac fhoillseachadh bliadhna mus tèid an cur an sàs.

Thuirt Fear-Gairm an ùghdarais, Tormod Dòmhnallach, gum bu chòir dhan bhàta a tha a' frithealadh air an t-seirbheis eadar Steòrnabhagh agus Ulapul, an MV Loch Shiophoirt, a bhith a' siubhal nas trice as t-Samhradh.

Thuirt e cuideachd gu bheil a' Chomhairle a' sireadh barrachd cinnt a thaobh nan seòlaidhean eadar Malaig is Loch Baghasdail agus an t-Òban is Bàgh a' Chaisteil.

"Anns a' chiad àite dh'fheumainn a ràdh gun deach càineadh a dhèanamh aig an t-sreath choinneamhan mu dheireadh den bhliadhna a chaidh seachad aig a' Chomhairle mu dheidhinn nach robh clàr-ama Chal Mac air fhoillseachadh gu ruige seo," thuirt Mgr Dòmhnallach.

"Agus bha daoine fiù 's an uair sin fhèin, bha iad a' feuchainn ri bugadh airson an t-Samhraidh a tha romhainn agus bha e ao-comasach dhaibh sin a dhèanamh.

"Agus seach gu bheil cinnt aig Cal Mac a-nis mu dheidhinn nan ochd bliadhna a tha romhainn a thaobh a' chùmhnant a th' aca, bu chòir dhaibh a bhith a' cruthachadh clàr-ama co-dhiù bliadhna mus bi an t-àm ann.

"Bhon tha daoine a' dèanamh cho-dhùnaidhean mu dheidhinn làithean saora - gu h-àraid làithean saora Samhraidh - 's dòcha bliadhna mus 'eil iad a' dol ann, agus ma 's e 's nach eil e comasach dhaibh bugadh a dhèanamh nuair a tha iad ga iarraidh 's dòcha gun tèid iad gu badeigin eile.

"'S e droch-rud a bhiodh an sin do na h-Eileanan air fad," thuirt e.