County - Celtic air a ghluasad

County is Celtic Image copyright SNS
Image caption Bhuannaich Celtic 4-0 ann an Inbhir Pheofharain mar-thà air an t-seusan seo.

Dhearbh Ross County gun tèid an geama aca an aghaidh Celtic sa Ghiblean a ghluasad.

Bha an geama gus a bhith ann Disathairne an 15mh den Ghiblean aig 3:00f.

Thèid an geama air adhart a-nise an ath-là, Didòmhnaich 16mh den Ghiblean, aig 12:30f, is bidh e beò air TBh.

Tha County, is an còrr de sgiobaidhean na Prìomh Lìge, an-dràsta nan tàmh.

Tillidh iad le geama an aghaidh Dundee United ann an Inbhir Pheofharain Disathairne 21mh den mhìos ann an Cupa na h-Alba, is ticeadan gan reic an-dràsta.

Cluichidh Caley Thistle an aghaidh Eilginn sa Chupa air an aon aon là.

Feumar ticeadan a cheannach gan reic ro làimhe 'son a' gheama sin is iad an-dràsta rim faighinn do luchd-taic ICT le ticeadan seusain is earrannan.

Thèid ticeadan sam bith a tha air fhàgail do luchd-taic ICT a reic bho Dhiluain.

A dh'aindeoin fhathananan gu leòr, 's e an t-Èireannach Dean Ebbe, a chuir ainm ri cùmhnant ri Caley Thistle, an aon chluicheadair a tha air gluasad gu tuath bho dh'fhosgail uinneag nan transfers, ged a tha County air aonta a ruighinn gus Jason Naismith a thoirt à St Mirren aig deireadh an t-seusain.

Dh'fhaodadh fhathast gun gabh aonta a ruighinn gus Naismith a thoirt a dh'Inbhir Pheofharain ro dheireadh na mìos seo.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile