Iomairt mu ghluasad ola eadar bàtaichean

Luchd-iomairt taobh a-muigh Pàrlamaid na h-Alba.

Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba nach eil dearbhadh aig Riaghaltas na h-Alba gu bheil a bhith a' gluasad ola bho bhàta gu bàta ann an Linne Mhoireibh sàbhailte dhan àrainneachd.

Bha Nicola Sturgeon a' bruidhinn ann an Holyrood aig an aon àm 's a bha a' bhuidheann-iomairt Cromarty Rising a' togail fianais taobh a-muigh an togalaich an aghaidh phlanaichean 'son faisg air naoi millean tunna de dh'ola a ghluasad bho shoitheach gu soitheach ann an Linne Mhoireibh.

Tha dragh air a' bhuidhinn-iomairt, Cromarty Rising, gun tèid cron a dhèanamh air an àrainneachd nam biodh tubaist ann.

Tha leumadairean biorach, mucan-mara minceach agus peileagan a' tighinn beò anns an linne.

Cunnart

Mhìnich Ms Sturgeon an dragh a th' oirre aig Àm Cheistean a' Phrìomh Mhinisteir.

"Stèidhichte air an fhiosrachadh a tha ri fhaotainn an-dràsta chan eil cinnt aig Riaghaltas na h-Alba gun gabh, neo gum bu chòir, do dh'ola a bhith air a gluasad bho bhàta gu bàta a tha aig acair ann an sgìre Linne Chrombaigh gun e a bhith na chunnart dhan àrainneachd-mhara, gu sònraichte ann an àite a tha comharraichte mar sgìre ghlèidhte Eòrpaich ri linn nan leumadairean biorach a th' ann," thuirt i.

Chaidh grunn Bhall-Pàrlamaid Albannach a thogail fianais còmhla ri Cromarty Rising, nam measg Rùnaire na h-Eaconamaidh Dùthchail, Fearghas Ewing, BPA sgìre Rois, Gail Ross, agus BPA an Eilein Duibh, Ceit Fhoirbeis.

Image caption Na Buill-Phàrlamaid Albannach Gail Ross agus Ceit Fhoirbeis a' togail fianais còmhla ris an luchd-iomairt.

Thuirt Ceit Fhoirbeis gun robh ise ag aontachadh ris a' Phrìomh Mhinistear.

"Mar Bhall-Pàrlamaid 'son an Eilein Duibh, tha mi a' cur taic ri grunn mhath dhaoine san sgìre a tha a' cur an aghaidh nam planaichean.

"Tha mi gu làidir den bheachd gum bu chòir do chothrom a bhith aig coimhearsnachdan beachd a thoirt air leasachaidhean a tha a' toirt buaidh orra agus tha coimhearsnachd Chrombaigh air a bhith ag obair gu cruaidh ann a bhith a' cur a' bheachd aca air adhart.

Bha Des Scholes bho Inbhir Narann am measg na bha a' togail fianais agus thuirt e gur e an t-amas aca ach gun cuireadh Riaghaltas na h-Alba taic phoblach ris an iomairt aca.

"Bu toil leinn nam biodh deasbad sa Phàrlamaid, coltach ris an deasbad a bh' ann ann an 2009 nuair a bha an aon rud a' tachairt ann an Linne Fhoirthe," thuirt e.

Iarrtas

'S iad Buidheann na Mara 's nam Maor-Cladaich (MCA) a nì an co-dhùnadh mu dheireadh às leth Riaghaltas Westminster.

Bha Cromarty Rising a' togail fianais aig Holyrood leis gu bheil Buidheann-Mara na h-Alba nan luchd-comhairleachaidh reachdail air gnothaichean leithid seo.

A rèir Mhgr Scholes cha deach a' bhuidheann an sàs sa phròiseas idir nuair a chuir Ùghdarras Caladh Chrombaigh iarrtas a-steach an toiseach.

"'S e ceist eile a tha sin, ceist chudromach a tha sin.

"Agus an turas seo nuair a thèid an t-ùghdarras leis an iarrtas aca tha sinn ag iarraidh air Buidheann-Mara na h-Alba rud gu math làidir a chur a-steach an aghaidh a bhith a' gluasad ola bho shoitheach gu soitheach," thuirt Mgr Scholes.

Thuirt Ùghdarras Caladh Chrombaigh, a tha air cùl nam planaichean, gu bheil modhanan-obrach ann an àite 'son stad a chur air ola bho a bhith ag aodion air mhearachd agus nach eil mòran chunnart ann idir gum bi dòrtadh ola ann.

Tha cead aig an ùghdarras mar thà ola a ghluasad eadar soithichean a tha ceangailte aig a' chidhe aig làrach Bhàgh an Eige.