Sneachda is gaoth a' toirt buaidh

Rathad

Tha rabhadh ga thoirt do luchd-siubhail mu shneachda agus gaoth làidir ann am pàirtean de dh'Alba Diardaoin, le Oifis na Sìde ag ràdh gum bi cathadh sneachda na dhùbhlan do dhràibhearan sa cheann a tuath agus air taobh siar na dùthcha.

Tha Caladonian Mac a' Bhriuthainn cuideachd ag ràdh gun toir an droch-shìde buaidh air na seirbheisean aca.

Tha sneachda agus a' ghaoth a' toirt buaidh air na rathaidean, agus dùil gun ruig neart na gaoithe suas gu 70m.s.u. tron là.

Chaidh an A9 fhosgladh às ùr an dèidh dhan t-slighe gu tuath a bhith dùinte bho 05:00m Diardaoin an dèidh do làraidh a dhol air a cliathaich.

Tha buaidh air cuid de sheirbheisean aiseig ri linn an rabhaidh a bh' ann mu ghèiltean, agus mòran sheòlaidhean air an cur dheth.

Gheibhear am fiosrachadh às ùr bho ChalMac.

Dh'innis ScotRail gu bheil iad air cuid de na seirbheisean aca air a' Ghàidhealtachd Diardaoin atharrachadh air sgàth na droch-shìde.

Thàinig rabhadh cuideachd bho Stagecoach gum faodadh dàil a bhith air cuid de na busaichean aca.

Tha buaidh air seirbhisean adhair eadar Alba agus Heathrow cuideachd, agus mòran aca air an cur dheth.

Chan eil buaidh air seirbheisean adhair HIAL air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan ge-tà.

Tha rabhaidhean mu shneachda agus gèiltean a' seasamh 'son a' chòrr den là.