Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 Am Faoilleach 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Sneachda

Tha sneachda trom a' dèanamh tàire do dhràibhearan agus tha rabhadh aig Oifis na Sìde air tuilleadh sneachda agus cathadh le gaoth làidir. Tha rathad an A9 fhathast dùinte air an t-slighe deas, mu dhà mhìle deas air Baile Ùr an t-Slèibh far an deach làraidh air a cliathaich tarsaing an rathaid. Bha an M74 air an t-slighe tuath dùinte faisg air Lios Mo Chuda ann an Siorrachd Lannraig le sneachda trom a' cur stad air an trafaig an sin, ach tha an rathad sin fosgailte a-rithist. Tha an sneachda a' toirt buaidh cuideachd air an rèile agus tha a' ghaoth a' cur maill air seirbheisean aiseig.

Dòmhnall Trump

Thuirt Stiùiriche an Fhiosrachaidh Dhìomhair anns na Stàitean Aonaichte, Seumas Clapper, gun tuirt esan ri Dòmhnall Trump nach eil e a' creidisnn idir gur e buidhnean brathaidh Aimeireaganach a sgaoil aithrisean gu bheil fiosrachadh millteach aig na Ruiseanaich mun Cheann-Suidhe Thaghte. Thuirt Mgr Clapper gun do rinn esan sin follaiseach do Mhgr Trump nuair a bhruidhinn e ris a-raoir.

A' Phòlainn

Tha 3,000 saighdear Aimeireaganach a' dol dhan Phòlainn an-diugh mar phàirt de phlana NATO airson smachd a chur air an Ruis air taobh sear na h-Eòrpa. Ràinig a' chiad fheadhainn de na feachdan Aimeireaganach, le tancaichean agus armachd eile, a' Phòlainn anns a' mhadainn an-diugh. Seo an gluasad-airm Aimeireaganach as motha anns an sgìre bho thuit an t-Aonadh Sòibhiatach.

Luchd-iomairt

Tha luchd-iomairt far Ghàidhealtachd ann an Dùn Èideann an-diugh a' togail fianais aig Pàrlamaid na h-Alba an aghaidh nam planaichean airson faisg air naoi millean tunna de dh'ola a ghluasad bho bhàta gu bàta ann an Linne Mhoireibh. Tha dragh air a' bhuidhinn iomairt, Cromarty Rising, gun tèid cron a dhèanamh air an àrainneachd nam biodh tubaist ann.

Taigheadas

Tha Comhairle nan Eilean Siar agus Taighean Innse Gall eadar iad ag obair air plana taigheadais airson an ath-chòig bliadhna agus mar phàirt dheth sin tha iad ag amas air taighean a tha falamh an-dràsta a chur a-mach air màl. Tha moladh ann iasad a thoirt seachad airson dachannan den t-seòrsa sin a leasachadh, agus an càradh gu ìre far an gabh iad cur a-mach air màl.