Tomhas na prìse

Tha saor-làithean na Nollaige seachad agus tha aire nam ball aig Holyrood air tionndadh don bhòt air buidseat na h-Alba anns a' Gearran.

A-nochd, chan eil bhòtaichean gu leòr aig Rùnaire an Ionmhais, Derek MacAoidh, am buidseat aige fhaighinn troimhe.

O chaill an SNP a' mhòr-chuid aca aig an taghadh Albannach an-uiridh tha an riaghaltas air corra bhòt a chall anns an t-seòmar.

Cha d'rinn na bhòtaichean sin diofar mòr.

Ach nan cailleadh an riaghaltas bhòt a' bhuidseit bheireadh e buaidh mhòr orra.

Mar sin, tha an t-uallach a' fàs air Mgr MacAoidh an taic a tha a dhìth air a lorg.

Càineadh

Feumaidh e taic bho co-dhiù aon de na pàrtaidhean eile.

Bhiodh sin doirbh gu leòr mura robh na taghaidhean ionadail air fàire, ach tha sin ga dhèanamh nas duilghe builleach.

Chaidh Mgr MacAoidh a chàineadh an t-seachdain seo nuair a nochd e ro Chomataidh an Ionmhais gus bruidhinn mun bhuidseat aige.

Is e seo a' chiad uair nuair a dh'fheumas Pàrlamaid na h-Alba ìrean na cìse cosnaidh a stèidheachadh mar phàirt den bhuidseat aice.

Airson nan Tòraidhean, rinn Murchadh Friseal càineadh air a' phlana gus an ìre aig am pàigh daoine àrd-ìre na cìse a chur suas le ìre na h-atmhorachd a-mhàin.

Fàgaidh sin gum pàigh cuid barrachd na phàigheadh iad ann an Sasainn.

Cumhachdan

Cha chuir càineadh Mhgr Fhriseil cus dragha air Rùnaire an Ionmhais, ge-tà.

Nas duilghe dha bha na chuala e bho na h-Uainich.

Rinn Pàdraig Harvie dubh chàineadh air an riaghaltas ag ràdh gum bu chòir dhaibh cumhachdan ùra na Pàrlamaid a chleachdadh gus cìsean a dhèanamh nas cothromaiche.

Tha na h-Uainich airson 's gun tèid cùisean a lùghdachadh air na daoine as bochda agus àrdachadh air an fheadhainn as beartaiche.

Gun ghluasad bho Mhgr MacAoidh, cha choltach idir gum bi Mgr Harvie agus a chàirdean deònach bhòtadh leis an riaghaltas anns a' Ghearran.

Thug na Làbaraich fios an-diugh nach cuireadh iadsan taic leis agus iad a' càineadh ghearraidhean do bhuidseat nan comhairlean.

Comasach

Tha sin a' fàgail nan Lib Deamach.

Is e an tuigse a tha agamsa gum b'fheàrr le Mgr MacAoidh aonta a ruighinn le Willie Rennie agus cuimhne aige na thachair ann an 2009 nuair a bhòt na h-Uainich an aghaidh an riaghaltais a' fàgail gun do thuit am buidseat.

Tha seo doirbh do na Lib Deamaich cuideachd agus iad a' dìon chomhairlichean air feadh na dùthcha.

Ach tha seo na cothrom dhaibh sealltainn gu bheil iad comasach rudan susbainteach a chur an gnìomh aig Holyrood.

Gu faiceallach, dh'ainmich e a' phrìs aige aig ceistean a' phrìomh mhinisteir na bu tràithe - £90m airson cholaisdean, £70 airson cloinn-sgoile, is dòcha, an dà chuid.

Mura faigh e lorg air an airgead dh'fhaodadh a' phrìs do Mhgr MacAoidh a bhith fada na b'àirde.