Rabhadh mu fhoghlam Gàidhlig

Bun-sgoil Ghàidhlig Loch Abar
Image caption Dh'fhosgail Bun-sgoil Ghàidhlig Loch Abar san Lùnastal 2015.

Thàinig rabhadh bho fhear a bha na cheannard air Comhairle na Gàidhealtachd gun cuir planaichean foghlaim Riaghaltas na h-Alba stad air leasachadh foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig.

Thuirt an Dr Mìcheal Foxley nam biodh molaidhean an Riaghaltais air a bhith mun cuairt bho chionn 30 bliadhna nach biodh sgoiltean coimhearsnachd, sgoiltean Gàidhlig neo aonadan Gàidhlig air a' Ghàidhealtachd.

A rèir Mhgr Foxley, thig leasachadh foghlaim Ghàidhlig gu ceann ma thèid àite nan comhairlean ann am foghlam a thoirt air falbh.

Thàinig conaltradh air molaidhean an Riaghaltais airson barrachd chumhachd a thoirt do cheannardan-sgoile, bùird-sgoile agus pàrantan gu ceann air an 6mh là den mhìos.

Ach tha dragh air cuid gu bheil na molaidhean a' toirt ùghdarrasan ionadail a-mach à foghlam.

Thuirt an Dr Foxley gun robh mòran an aghaidh sgoiltean coimhearsnachd a thogail air taobh siar na Gàidhealtachd, gu h-àraid sgoiltean ann an sgìrean eile far an robh clann an taobh siar a' dol, 's a bha roimhe a' fuireach ann an ostailean.

Tha e ag ràdh gun robh nàimhdeas mòr ann cuideachd do dh'aonadan agus sgoiltean Gàidhlig, ach gun do chum Comhairle na Gàidhealtachd orra a dh'aindeoin sin, o chionn 's gun robh iad a' coimhead na buannachd a bhiodh ann dhan chloinn.

Ma thèid co-dhunaidhean fhàgail aig ceannardan-sgoile agus buidhnean beaga de phàrantan tha eagal air Mgr Foxley nach bi iad a' dèonach leasachaidhean, leithid foghlaim Ghàidhlig, a chur air adhart.

Sgaradh bheachd

Ged nach eil Donnchadh Fearghasdan, a bha bhliadhnaichean na cheannard-sgoile ann an Àrd-sgoil a' Phluic, a' cur taic ri molaidhean ùr an Riaghaltais, chan eil e ag aontachadh ri Mgr Foxley gun dèan iad cron air foghlam Gàidhlig.

"Le spèis don Dotair Foxley, rinn e tòrr, ach tha beagan de sgadan dearg ann an seo, tha mi a' smaoineachadh.

"Chan eil mise ag a' gabhail ris na molaidhean seo gu mòr idir, tha mi a' smaoineachadh gum bi iad cunnartach airson ar sgoiltean gu h-àraidh air Ghàidhealtachd agus anns na h-eileanan.

"Ach shaoilinn-sa nam biodh pàrantan ag iarraidh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig gum faodadh iad a dhol gu na roinnean foghlaim ùra seo agus cho fad 's gun robh an Riaghaltas taiceil cha bhiodh dragh sam bith ann," thuirt e.

'S e an dragh a tha air Mgr Fhearghasdan ach gu bheil na molaidhean a' cur barrachd uallaich air ceannardan-sgoile aig àm nuair a tha e duilich ceannardan fhastadh agus an dèidh na h-ùpraid a thàinig an cois an Curraicealam airson Sàr-mhaitheis agus nan deuchainnean ùra chan eil e a' faicinn adhbhair airson tuilleadh atharrachaidhean ann am foghlam.

"Tha an ceannard os cionn na sgoile, tha dleastanas air a' cheannard airson na sgoile, ach shaoilinn-sa gu bheil e nas fheàrr ma tha an ceannard sin a' ruith na sgoile le taic bhon Chomhairle."

"Tha e a' cur dragh orm-sa ma tha barrachd uallaichean a' tighinn air ceannardan aig àm far a bheil iad ag ràdh gu bheil cus obrach aca mar thà," thuirt Mgr Fearghasdan.