A' feitheamh fuasgladh son na Fadhla a Deas

Cabhsair na Fadhlach a Deas Image copyright Geograph/Dave Fergusson
Image caption Tha iarrtas sa choimhearsnachd gun tèid cabhsair na Fadhla a Deas fhosgadh agus drochaid a chur ann.

Tha comhairle choimhearsnachd ann an Uibhist a' gearain mu cho fad 's a tha Comhairle nan Eilean Siar a' toirt a' faighinn fuasgladh dhan Fhadhail a Deas.

Tha dusan bliadhna ann an t-seachdainn seo bho chaill còignear as aon teaghlach am beatha an sin ann an tuil agus stoirm.

Tha Iain MacNèill bho Chomhairle Choimhearsnachd an Ìochdair ag ràdh gur e drochaid a tha a dhìth agus gu feum an t-ùghdarras ionadail èisteachd ris na daoine.

"Eadar a h-uile coinneamh a tha air a bhith ann agus a h-uile representation a chaidh a dhèanamh agus a h-uile gealltanas a chaidh a dhèanamh agus stakeholders groups a chaidh a chur air adhart, agus sgrùdadh hydrodynamic agus siud agus seo chan eil sinn sian air adhart ach mar a bha sinn as dèidh na stoirm.

"Chan eil sinn a' dèanamh adhartais sa bith ann an dòigh sa bith," thuirt e.

Sgrùdadh

Chuirear crìoch air an sgrùdadh hydrodynamic a dh'iarr a' chomhairle san t-Suiltain 2012.

Bha deich molaidhean san sgrùdadh sin, cuid nach cosgadh cus airgid, fear a bha meadhanach daor, agus fear eile a chosgadh na milleanan.

Dh'fhàg ùghdaran na h-aithisg e aig Comhairle nan Eilean Siar co-dhùnadh a dhèanamh dè na molaidhean a bha iad airson a chur an sàs.

Ghabh iad ris a' chuid as motha dhiu leithid siostaman rabhaidh, coinneamhan dealbhachaidh èiginneach agus a bhith a' gluasad gainmhich mun chost.

Ach tha Comhairle Choimhearsnachd an Iochdair mì-thoilichte nach eil gluasad sa bith air a bhith ann mun mholadh as daoire; pìos de chabhsair na Fadhla a Deas fhosghladh agus drochaid a chur ann.

Tha a' chomhairle choimhearsnachd dhen bheachd gur e am moladh sin am freagairt às fhearr airson na sgìre.

Tha tuairmsean ann gun cosgadh sin £20m ged nach eil dearbhadh air an fhigear a tha sin.

Cosgais

Bha dùil aca gum biodh rannsachadh mun drochaid deiseil ron Nollaig ach cha deach a thòiseachadh fhathast.

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil pàirt dhan sgrùdadh sin a' dol a-mach gu tairgse an ceann seachdain.

Chuir a' chomhairle choimhearsnachd fàilte air sin, agus tha iad an dòchas gun dearbh sin dè chosgadh drochaid sam bith.

Chan eil airgead air a chomharrachadh airson drochaid aig an ìre-sa.

"Tha sinn a' cur fàilte air rud sa bith a nì adhartas agus fhad sa chumas iad a' dol an trup seo agus gun èist iad ris na daoine," thuirt Mgr MacNèill.

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu robh iad air tagradh a dhèanamh gu Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gur e cùis shònraichte a bh'ann an Uibhist agus gum faigheadh iad barrachd fiosrachaidh mun obair a bha a dhìth airson na drochaid bhon rannsachadh a tha iad an dùil a dhèanamh.

Dhearbh iad cuideachd gu deidheadh sgeama dìon thuiltean luach £2m gus gainmheach a ghluasad agus bacaidhean a chàradh air adhart as t-samhradh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo