Deasaiche Coimiseanaidh ùr MG ALBA

Chaidh an riochdaire telebhisein Bill MacLeòid ainmeachadh mar Deasaiche Coimiseanaidh MG ALBA.

Tha Mgr MacLeòid air bliadhnachan mòra a chur seachad mar stiùiriche agus riochdaire aig a' BhBC ag obair air prògraman Gàidhlig agus Beurla, leithid na h-Eilthirich, Ran Dan, Gruth is Uachdar agus A History of Scotland.

Bha beàrn ann an structar-stiùiridh MG ALBA nuair a dh'fhàg Ailean Esslemont dreuchd Ceannard Phrògraman BBC ALBA an-uiridh airson a bhith na cheannard air TG4 ann an Eirinn.

Dh'innis MG ALBA an-uairsin gu robh iad a' roinn uallach na h-obrach sin eadar Iseabail Nic an t-Sagairt, a tha na stiùiriche ro-innleachd is co-bhanntachd aig a' bhuidhinn, agus an neach a dheidheadh fhastadh mar dheasaiche coimiseanaidh.

Thuirt Mgr MacLeòid gu robh e a' dèanamh fiughair ri tòiseachadh san obair.

"Thòisich mo bheatha-obrch ann an telebhisean Gàidhlig agus tha e miorbhailteach a bhith a' tilleadh gu raon a tha an-dràsta cho làn de thàlant agus de chruthachaileachd.

"S e fìor urram a tha seo agus tha mi a' coimhead ri a bhith a' toirt susbtaint ùr, làidir gu luchd-amhairc air feadh na dùthcha," thuirt e.