Aithrisean mu Linda Norgrove "gòrach is goirt"

Linda Norgrove Image copyright Bunait Linda Norgrove

Rinn pàrantan Linda Norgrove nach maireann càineadh air aithrisean gur e neach-brathaidh a bh' innte.

Thuirt John is Linda Norgrove gun robh na h-aithrisean "gòrach agus goirt".

Nochd am fiosrachadh air làrach-lìn rannsachaidh anns na Stàitean Aonaichte.

Chaidh Linda Norgrove, à Leòdhas, a mharbhadh ann an Afghanistan ann an 2010 le feachdan Aimeireaganach a bha a' feuchainn ri a saoradh bho reubaltaich a bha air a toirt am bruid.

Bha i anns an dùthaich airson muinntir Afganastan a chuideachadh.

Bidh an Intercept, an làrach air an do nochd na h-aithrisean, ag innse mu obair feachdan dìomhair nan Stàitean Aonaichte.

Thuirt an làrach gur e Anstruther ainm na h-iomairt a bh' ann gus Linda Norgrove a shaoradh, is gun tàinig cead bho Dhàibhidh Camshron, a bha na Phrìomhaire aig an àm, air a son.

Thuirt an làrach gun robh feadhainn bho Arm nan Stàitean Aonaichte is seirbheis bhrathaidh Aimeireagaidh air innse gun robh Linda Norgrove ag obair às leth MI6.

Càineadh

Chaidh na h-aithrisean a chàineadh le pàrantan Linda, John is Lorna.

"Chan eil anns na h-aithrisean seo, a tha air nochdadh sia bliadhna às dèidh dhi a beatha a chall, ach gòraiche. Cha robh na daoine a chuir an stòiridh seo ri chèile eòlach air Linda.

"Bha sinn uabhasach faisg oirre agus bhruidhinn sinn rithe tro Skype fad a beatha ag obair ann an dùthchannan bochda.

"Bha Linda gu làidir an aghaidh chogaidh, bha gràin aice dha na feachdan armaichte, agus mar as trice bhiodh i a' taobhadh ris na Afganaich seach riaghaltasan an iar.

"Bha i cho toilichte san obair aice is bha i a' strì gun sgur 'son beatha dhaoine eile a chuideachadh.

"Bha prionnsabalan làidir aice air nach robh i deònach gèilleadh, is chan eil ann ach gòraiche a bhith ag ràdh gun robh i ag obair dha MI6", thuirt iad.

Stèidhich pàrantan Linda buidheann air a bheil Bunait Linda Norgrove às dèidh a bàis.

Thuige seo chaidh còrr is £1m a thogail gus boireannaich agus clann ann an Afganastan a chuideachadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile