Connspaid mu leasachadh an Dùin Bhig

Leasachadh an Dùin Image copyright Comhairle Earra Ghàidheal is Bhòid

Tha comhairle coimhearsnachd ann an sgìre an Òbain ag ràdh nach deach cumail ri gealltanasan a thaobh leasachaidhean san sgìre aca.

Thèid suas ri 600 taigh ùr a thogail san Dùn Bheag thar an ath-dheich bliadhna.

Chaidh crìoch a chur air a' chiad 75 dhiubh sin mar thà.

'S e measgachadh de thaighean sòisealta, is taighean a ghabhas ceannach le taic a bhios anns na taighean air fad.

Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid airson leudachadh a thoirt air Pàirce Gnothachais Saidheans na Mara faisg air làimh mar phàirt den leasachadh.

Tha Comhairle Coimhearsnachd an Dùin Bhig a' cur fàilte air na taighean ùra is iad ag ràdh gu bheil cruaidh fheum air an leithid.

'S e an dragh a th' orra ge-tà, nach eil bun-structar aig ìre airson na bhios ann de dhaoine air a' cheann thall.

Gealltanas

Thuirt Cathraiche na Comhairle Coimhearsnachd, Sean Mac an t-Saoir, gun d' fhuair iad gealltanas roimhe gun rachadh an rathad a tha a' dol a dh'ionnsaigh an leasachaidh - Rathad na h-Eaglaise - a thoirt gu ìre sa chiad dol a-mach.

Thuirt e nach do thachair dad fhathast.

'S e rathad an ìre mhath cumhang gun chabhsair no solais a th' ann an Rathad na h-Eaglaise.

Thuirt a' chomhairle choimhearsnachd gu bheil iad airson 's gun tèid fios a chumail riutha mun phròiseict gu cunbhalach bho seo a-mach.

Dh'iarr iad gun tèid obair a dhèanamh air Rathad na h-Eaglaise cho luath is a ghabhas, is gun tèid na h-uimhir a dhèanamh gus slighean eile dhan sgìre a leasachadh.

Thuirt iad cuideachd gum bu chòir dha na h-ùghdarrasan beachdachadh air bun-sgoil eile a stèidheachadh san sgìre, is comhairliche an àite, Ruairidh MacCuthais, a' cur taic riutha air a' phuing sin.

Thathas a' tuigsinn gun coinnich an Caidreachas Taigheadais Link, a tha air cùl nam planaichean, agus Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid ri Comhairle Coimhearsnachd an Dùin Bhig a dh'aithghearr.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile