Neart an not a' toirt buaidh air Ionad St Jerome
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Tha luach ìosail an not a' toirt buaidh air a' teachd a-steach Ionad St Jerome

16 Am Faoilleach 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha tè à Uibhist a Deas a stèidhich dachaigh do dhìleachdain ann an Kenya ag ràdh gu bheil mar a thuit luach an not bho chionn ghoirid air buaidh mhòr a thoirt air an teachd a-steach aca agus an cuid obrach.

Dh'fhosgail Gemma Steele an dachaigh ann an Nakuru ann an 2012. Bha ochdnar chloinne ann an uairsin.

An-diugh tha trì deug air fhichead a' fuireach ann - 's iad a' faighinn fasgadh, biadh agus cùram meidigeach.

Ach tha Gemma ag ràdh gu bheil an not ìosal a' fàgail gu bheil iad air mu shia ceud not sa mhìos a chall agus gu feum iad a-nis sùil gheur a thoirt air a' bhuidseat aca. Tha Eilidh Nicleòid ag aithris...