Oidhirp gus taic thuathan-gaothe a dhìon

Crann-gaoithe

Coinnichidh Ball-Pàrlamaid nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill, ri riochdairean bho Roinn a' Ghnìomhachais 's a' Chumhachd ann an oidhirp taic a ghlèidheadh do thuathan-gaoithe ann an eileanan na h-Alba.

Dh'ainmich Riaghaltas Westminster an-uiridh gu bheil iad am beachd stad a chur air subsadaidhean do thuathan-gaoithe air tìr, ged a leanas taic do sgeamaichean aig muir.

Tha co-chomhairleachadh a' leantainn an-dràsda air co-dhiù bu chòir subsadaidhean a chumail ri tuathan-gaoithe eileanach.

Thuirt Mgr MacNèill gu bheil e airson sealltainn dha na ministearan gu bheil Buill-Phàrlamaid na sgìre a' cur taic ri bhith a' cumail nan subsadaidhean.

"Tha mi airson 's gum bi iadsan a' tuigsinn gu bheil cothroman ann dhan choimhearsnachd agus dhan eaconamaidh ma thachras seo", thuirt e.

A' trusadh bheachdan

Dh'innis e cuideachd mu mar a tha iad air a bhith a' cruinneachadh bheachdan mun chùis bhon choimhearsnachd.

"Bha coinneamh againn le gu leòr anns na h-Eileanan an Iar aig a bheil beachdan mun seo, gu h-àraid co-cheangailte ri cumhachd ath-nuadhachail aig ìre coimhearsnachd", thuirt e.

"Tha iadsan gu math toilichte gu bheil cuideigin a' trusadh nam beachdan acasan agus gan cur ris a' mhinistear gu pearsanta."

Tha Mgr MacNèill cuideachd ag iarraidh gun tèid na ministearan dha na h-eileanan.

"Tha Greg Clark, am fear a tha os cionn na roinne a tha seo, air gealltainn gun tig e dha na h-Eileanan an Iar, so bidh mi a' feuchainn ri faighinn a-mach cuin a tha e am beachd tighinn."

"Tha fios agam nach tig e fhad 's a tha an co-chomhairleachadh fosgailte ach ma dh'fhaoidte gum biodh e math nan tigeadh e le naidheachd a bha math dhuinn là air choireigin," thuirt e.

Thig an co-chomhairleachadh gu crìch an ceann cola-deug.