Dragh às ùr mu sheirbheis mhàtharail Ghallaibh

Ospadal an Ràthaig Mhòir

Thàinig e am follais gum b'fheudar do dhithis bhoireannach, a bha an impis leanabh a bhith aca, an slighe fhèin a dhèanamh dhan ospadal a bha còrr air ceud mìle air falbh ann an droch aimsir.

Chaidh carbad a bha a' giùlain aon bhoireannach a dh'Ospadal a Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis, far an rathaid ann an sneachda agus deigh an t-seachdain a chaidh.

'S iad buidheann a tha ag iomairt an aghaidh lùghdachaidh ann an seirbheisean màtharail aig Ospadal Inbhir Ùige, Buidheann Ghnìomha Slàinte Ghallaibh (CHAT), a thug an naidheachd am bàrr.

Cho-dhùin Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd san t-Samhain gum bi an t-ionad màtharail ann an Inbhir Ùige air a ruith le mnathan-glùine a-mhàin bho dheireadh an Fhaoillich.

'S iad àrd-dhotairean a tha os cionn na seirbheis an-dràsta.

Thuirt Nicola Nic na Ceardaich bhon bhuidhinn CHAT gu bheil iad a' feitheamh gus faighinn a-mach carson nach deach carbad-eiridinn a thabhainn dha na boireannaich a bha fìor-fhaisg air leanabh a bhith aice.

"Rathad cunnartach"

"Cha bu chòir do bhoireannach a tha an impis leanabh a bhreith a slighe fhèin a dhèanamh sìos rathad a tha gu math cunnartach", thuirt i.

"Bu chòir do charbad no itealan-eiridinn a bhith air a thabhainn an-còmhnaidh.

"Tha sinn cuideachd airson dèanamh cinnteach gu bheil taic eile air a cur air dòigh, leithid àitichean-fuirich.

"Chaidh fios a chur thugainn iomadach uair le daoine aig an robh ris na ceudan notaichean a phàigheadh air taighean-òsta 's an leithid air sgàth gun robh leanabhan tinn aca ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir", thuirt i.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil na dòighean-obrach aca a thaobh a bhith a' gluasad euslainteach air a bhith soirbheachail airson grunn bhliadhnaichean.

"Tha sinn a moladh do dhaoine fios a chur gu aireamh 999 ma bhios trioblaidean aca air an t-slighe a dh'Inbhir Nis", thuirt neach-labhairt.

"Cha deach innse dhuinn mu thrioblaidean sam bith anns an t-suidheachadh seo", thuirt iad.

Dh'aidich am Bòrd Slàinte ge-tà, gu bheil iad a' coimhead às ùr air an fhiosrachadh a tha iad a' toirt do bhoireannaich a tha an dùil leanabh a bhith aca.