Cosgaisean dì-coimiseanaidh gus èirigh

Clàran-ola Image copyright David Dixon/Geograph

Tha dùil gun èirich na thathas a' cosg a' toirt seann uidheamachd ola às a chèile 60% am-bliadhna.

Tha a' chompanaidh comhairleachaidh Wood MacKenzie a' tomhais gun tèid £2bn a chosg a' dì-coimiseanadh seann chlàran-ola agus loighnichean pìoba sa Chuan a Tuath.

Còrr air dà bhliadhna an dèidh do phrìs na h-ola tuiteam bho $115 am baraille gu $30 bho chionn bliadhna, tha e a-nise air $55 am baraille.

Tha sin a' cur phrìsean suas do dhràibhearan, agus tha coltas ann gu bheil companaidhean ola nas deònaiche an cuid airgid a chosg.

Ach tha a' chuid mhòr airson an t-airgead aca a chosg ann an roinn far am faighear prothaid air ais ann an ùine gu math goirid, leithid ann a bhith a' fracadh ann an Teagsas mar eisimpleir.

Anns an aithisg ùir aig Wood MacKenzie, a tha stèidhichte ann an Dùn Èideann, tha iad a' togail air gun deadh barrachd a chosg ann a bhith a' dì-coimiseanadh seann chlàran agus seann phìoban.

Tha dùil gum fuirich obair-sgrùdaidh airson stòrasan ùra ola ìosail.

Ach tha pròiseactan mòra a fhuair cead suas ri deich bliadhna air ais a-nise a' sruthadh ola, agus seo an treas bliadhna sreath a chèile a tha na thathas a' giollachd de dh'ola air a dhol suas.