Deasbad mu stiùir HIE

HIE

Thèid na tha an dàn do bhòrd-stiùiridh Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) a dheasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba Diciadain.

Tha na Tòraidhean a' cur an aghaidh phlanaichean airson bòrd stiùiridh ùr a stèidheachadh a ghabhadh uallach airson HIE is buidhnean leasachaidh eile air feadh Alba.

Chuir Riaghaltas na h-Alba moladh air adhart an-uiridh, gus bòrd ùr a stèidheachadh le dleastanas 'son Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Iomairt na h-Alba is Comhairle Maoineachaidh na h-Alba, am measg eile.

Tha na planaichean air a bhith connspaideach, agus cuid ag ràdh gur e eisimpleir eile a th' ann dha Riaghaltas an SNP a bhith a' tarraing chumhachdan a-steach gu meadhan na dùthcha.

A' bruidhinn ron deasbad Diciadain, thuirt am BPA Tòraidheach Gàidhealach, Dòmhnall Camshron, gun robh e an dòchas gun cuir buill bho gach pàrtaidh taic ris an argamaid gu bheil e riatanach nach tèid am plana air adhart.

Thuirt e gu bheil làn-taic ann 'son bòrd-stiùiridh HIE fhàgail mar a tha e.

Ach tha dùìl gun can Rùnaire na h-Eaconamaidh, Keith Brown, gum bi HIE fhathast stèidhichte air a' Ghàidhealtachd agus gun tèid co-dhùnaidhean a dhèanamh an sin.