Ceathrar sa chùirt mu airgead fhuadain

Airgead Image copyright PA

Bu chòir gun nochd ceathrar fhireannach ann an Cùirt an t-Siorraim ann an Inbhir Nis Diciadain co-ceangailte ri mar a chaidh airgead fuadain a sgaoileadh air a' Ghàidhealtachd.

Chaidh na fir a chur an grèim ann an Siorrachd Rois na bu tràithe an t-seachdain seo.

Chaidh an ceathrar a chur an grèim an dèidh do dh'oifigearan stad a chur air carbad air an A9 ann an Ros an Ear Diluain.

Nochdaidh na fireannaich, a tha 25, 23, 20 agus 16 bliadhna de dh'aois, air beulaibh Cùirt an t-Siorraim an Inbhir Nis.

Tha na Poilis ag ràdh gu bheil iad air grunn aithrisean fhaighinn mu airgead fuadain a bhith ga chleachdadh gus nithean saor a cheannach ann an Inbhir Nis agus Siorrachd Rois o chionn beagan sheachdainean.

Tha oifigearan ag iarraidh air a' phoball, gu sònraichte feadhainn ag obair ann am bùithdean no a tha a' làimhseachadh airgid gu cunbhalach, aire a thoirt airson notaichean fuadain agus fios a chur thuca mu chùisean amharasach sam bith.