Ball ùr air Coimisean na Croitearachd

Coimisean na Croitearachd
Image caption Tha connspaid mhòr air a bhith a' cuairteachadh a' Choimisein bho chionn ghreis.

Thagh Riaghaltas na h-Alba Calum MacMhathain mar Choimiseanair ùr air Coimisean na Croitearachd.

Chuir iad cuideachd Dàibhidh Caimbeul air ais air a' Choimisean airson bliadhna eile.

'S e Riaghaltas na h-Alba a thaghas triùir de bhuill a' Choimisein, leis an t-sianar eile gan taghadh le croitearan anns na sgìrean a bhios iad a' riochdachadh.

Bidh taghadh ann dhan Choimisean anns a' Mhàrt.

Tha ceangal teaghlaich aig Mgr MacMhathain, a tha na fhear-cunntais, ri Uibhist 's tha e fhèin a' fuireach ann an Siorrachd Shruighlea.

Bha e roimhe na stiùiriche ionmhais air grunn chompanaidhean mòra, leithid Aggreko.

Ghabh e a-null Tuathanas a' Mhàigh ann an Loch Abar bho chionn deich bliadhna agus thuirt e gun robh e gu math eòlach air na trioblaidean a tha mu choinneimh chroitearan a thaobh subsadaidhean 's eile.

Thuirt Àrd-Oifigear eadar-amail Choimisean na Croitearachd, Bill Barron, gum biodh eòlas Mhgr MhicMhathain air cùisean ionmhais na bhuannachd mhòir dhan Choimisean.

Buaireadh

Cha robh Mgr MacMhathain airson càil a ràdh mun bhuaireadh a th' air a bhith a' cuairteachadh a' Choimisein bho chionn ghoirid 's ìmpidh air an Fhear-Ghairm, Cailean Ceanadach, a dhreuchd a leigeil dheth.

Thuirt e gun robh e fhèin deònach a h-uile càil a b' urrainn dha a dhèanamh airson croitearachd a chuideachadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile