"Ceistean ann fhathast" mu Bhrexit

Tha Aonadh nan Tuathanach (NFU) ann an Alba ag ràdh gu bheil ceistean ann fhathast mun bhuaidh a bheir e air tuathanaich 's croitearan nuair a dh'fhàgas Breatainn an EU.

Ann an òraid Dimàirt mhìnich am Prìomhaire Theresa May tuilleadh mun phlana aice airson Breatainn a thoirt a-mach às an Aonadh Eòrpach 's i a' dearbhadh nach fuirich i anns a' mhargaidh shingilte.

Thuirt Àrd-oifigear NFU na h-Alba, Scott Walker, gum feum cothroman malairt do ghnìomhachas àiteachais na h-Alba a bhith air an dìon mar phàirt de chòmhraidhean Brexit.

Bidh iad a' cur ìmpidh air Riaghaltasan Westminster agus Holyrood, thuirt e, a bhith a' putadh airson aontaidhean a bhios gu buannachd roinn àiteachais na h-Alba.

Tha mì-chinnt ann cuideachd mu shubsadaidhean àiteachais nuair a dh'fhàgas Breatainn an EU.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile