Dùil ri leasachadh aig Port-Adhair Bharraigh

Port-Adhair Bharraigh

Thathas an dùil leasachadh a dhèanamh aig Port-Adhair Bharraigh gus am bi cothrom ann plèanaichean fhàgail nan laighe air làrach coincreat ùr air falbh bhon ghaimhich.

Bidh sin a' ciallachadh gum bi àite ann airson obair sam bith a tha a dhìth a dhèanamh air na h-itealain.

Thathas an dòchas cuideachd gu bheil an tuilleadh leasachaidhean san amharc aig a' phort-adhair.

An-dràsta tha aig Puirt-Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIAL) ri plèanaichean a shlaodadh suas far na traghad mus tigeadh an làn a-steach nuair a tha obair-càraidh a dhìth orra.

Cha fhreagair sin air na plèanaichean ùra a tha a' tighinn dhan t-seirbheis ge-tà.

Thuirt comhairliche Bharraigh, Dòmhnall Manford, gur e leasachadh riatanach agus feumail a bhios ann, agus gu bheil e gu math toilichte fhaicinn gu bheil e a' dol air adhart.

Thuirt e cuideachd gu bheil an tuilleadh ghoireasan a dhìth air a' phort-adhair, ri linn cho trang 's a tha e a' fàs, leithid togalach nas motha agus an tuilleadh àiteachan pàrcaidh, 's gu bheil e an dòchas gun tig barrachd soilleireachaidh air na gnothaichean sin san aithghearrachd.