Thèid coimhead às ùr ri Ospadal Bharraigh

Chuir an Comhairliche Barrach Dòmhnall Manford fàilte air dearbhadh bho Rùnaire na Slàinte gun tèid coimhead às ùr air ospadal ùr do Bharraigh leis an Riaghaltas.

An dèidh chòmhraidhean ron Nollaig, chaidh aontachadh gun cuir Bòrd Slàinte nan Eilean Siar planaichean às ùr air adhart, 's gun tèid clàr-ama a dheasachadh còmhla ri Riaghaltas na h-Alba.

Thog Mgr Manford dragh roimhe mu cho fad 's a bha e a' toirt gluasad fhaighinn air a' chùis.