Triùir fo aithris mu shealg gheàrr

Geàrr Image copyright Colin Park/Geograph

Chaidh fios a chur air na Poilis mu thriùir fhireannach air a bheileas a' fàgail gun robh iad an sàs ann an sealg gheàrr air Ghàidhealtachd.

Thug na Poilis taing don phoball airson an fhiosrachaidh, a chuir iad air adhart gu Neach-Casaid a' Chrùin ann an Inbhir Nis.

'S ann an sgìre Àird nan Saor a bha an t-sealg a' dol air adhart.

Tha sealg gheàrr - far an tèid geàirr a ruith le leth-choin - mì-laghail ann an Alba.

"Chuir sinn a-mach iarrtasan o chionn ghoirid airson fiosrachaidh co-cheangailte ri eucoir air an tuath, agus an dèidh conaltraidh ri buill den phoball, tha na Poilis ann an Inbhir Nis air fios a chur air Neach-Casaid a' Chrùin mu thriùir airson sealg gheàrr ann an sgìre Àird nan Saor," thuirt an Constabal Dan Sutharlannach, aig Roinn na h-Eucorra Fiadh-bheatha.

"Tha poilis fhathast ag iarraidh air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh mu eucoir fhiadh-bheatha, no eucoir eile air an tuath, fios a chur oirnn mu dhol-a-mach amharasach sam bith cho luath 's a ghabhas.

"Faodaidh buidhnean eucorra nas fharsainne a bhith an sàs ann an leithid sealg gheàrr, agus tha e a' toirt droch-bhuaidh air muinntir an àite agus gnothachasan.

"Tha fiosrachadh bhon phoball riatanach do leithid de sgrùdaidhean, agus tha taing ga thoirt do bhuill den phoball uair eile airson an cuid taic."