Dragh mu thèarainteachd aig puirt-adhair eileanach

Uidheam sgrùdaidh Image copyright Thinkstock
Image caption Cha tèid sgrùdadh a dhèanamh air luchd-siubhail bho thoiseach na h-ath-mhìos

Tha Puirt-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIAL) gu bhith a' sguir a' dèanamh sgrùdaidh air luchd-siubhail agus air an cuid bhagaichean aig cuid de phuirt-adhair bho thoiseach na h-ath-mhìos.

Bheir an t-atharrachadh buaidh air puirt-adhair Thiriodh, Bharraigh agus Cheann Loch Chille Chiarain.

Tha dragh air an aonadh Prospect ge-tà mun bhuaidh a bheir seo air tèarainteachd agus iad ag ràdh gum bidh luchd-siubhail tric gan glacadh le rudan a tha toirmisgte.

Tha dragh orra cuideachd gu bheil deich cosnaidhean ann an cunnart, ged a tha cothrom ga thoirt do luchd-obrach an dreuchdan a leigeil dhiubh gu saor-thoileach air neo gluasad gu obraichean eile taobh a-staigh na companaidh air an aon ìre pàighidh.

Thuirt HIAL gur ann às dèidh dhaibh sgrùdadh a dhèanamh air tèarainteachd a chuir iad romhpa seo a dhèanamh agus gur ann a nì e cùisean nas fheàrr do luchd-siubhail air an slighe a Ghlaschu.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile