Barrachd ghoireasan a dhìth anns an Eilean Sgitheanach

An t-Eilean Sgitheanach
Image caption Tha àrdachadh mòr air tighinn air àireamhan luchd-turais anns an Eilean Sgitheanach

Choinnich am Ball-pàrlamaid Albannach Ceit Fhoirbheis ri Rùnaire na Turasachd Fiona Hyslop Diardaoin 's i ag ràdh gu bheil feum air tuilleadh ghoireasan anns an Eilean Sgitheanach mu choinneamh àireamhan mòra de luchd-turais.

Tha Ceit Fhorbeis ag ràdh gu bheil an àireamh luchd-turais a tha a' tadhal air an eilean air a dhol suas gu mòr thairis air na deich bliadhna a dh'fhalbh, agus gum feumar dèanamh cinnteach gu bheil bun-stuctar an eilein comasach air dèiligeadh riutha.

Thuirt i gum bu chòir plana a bhith ann air thoiseach air seusan turasachd na bliadhna-sa.

Feumar coimhead, thuirt i, ri leithid na th' ann de dh'àitean parcaidh, 's dragh air nochdadh roimhe mu chàraichean a bhith air am fàgail ann an àitean far a bheil iad a' cur bacadh air an trafaic.

Thuirt Ceit Fhoirbeis gu bheil an Riaghaltas a-nis mothachail dhan t-suidheachadh.

"Tha an Rùnaire dol a dhèanamh cinnteach gu bheil fios aig an Riaghaltas gu lèir gum feum iad a bhith ag obair ri chèile - am ministear airson còmhdhail, am ministear airson connectivity is eile - ag obair còmhla airson a dhèanamh cinnteach gu bheil am bun-structar ann".

Tha Urras an Taobh Sear mar-thà air planaichean a dhealbh 's iad airson goireasan leithid taighean-beaga agus àitean-parcaidh a shuidheachadh aig an Stòr.

Tuilleadh air an sgeulachd seo