Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 Am Faoilleach 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dòmhnall Trump

Tha ceudan mhìltean dhaoine a' cruinneachadh ann an Washington a thoirt taic ri Dòmhnall Trump agus airson iomairt a dhèanamh na aghaidh. Gabhaidh esan a bhòidean an-diugh mar an 45mh ceann-suidhe air na Stàitean Aonaichte. Gheall Mgr Trump ann an òraid ann an Washington a-raoir gun leighis e an sgaradh a rinn an taghadh ach tha còrr 's 20,000 oifigear poilis agus na seirbheisean tèarainteachd ag ullachadh air eagal 's gum bi buaireadh air sràidean a' bhaile.

Melbourne

Tha duine an grèim an dèidh dha, a dh'aona ghnothaich, bualadh le càr ann an sluagh air sràid ann am Melbourne. Chaidh triùir a mharbhadh agus 29 duine a ghoirteachadh, feadhainn dhiubh sin gu dona. Thuirt poilis nach b' e ceannairc a bh' ann.

Brexit

Thuirt an Seansalair, Philip Hammond, gun atharraich Breatainn a feallsanachd eaconamaigeach mas e agus gun tèid margaidhean an Aonaidh Eòrpaich a dhùnadh oirre an dèidh Brexit. Thuirt Mgr Hammond, aig Fòram Eaconamaigeach na Cruinne ann an Davos, gu bheil e an dòchas gun tèid malairt shaor ris an EU a ghlèidheadh.

Sinn Féin

Thuirt Sinn Féin gum bi iad ag ainmeachadh ceannard ùr air a' phàrtaidh an Èirinn a Tuath an ath-sheachdain, an àite Mhàrtainn MhicAonghais. Leig Mgr MacAonghais dheth a dhreuchd ann am poilitigs agus e ag ràdh nach eil a shlàinte air a bhith math gu leòr.

Barraigh

Tha dòchas ann air adhartas an-diugh gu ruige ospadal ùr ann am Barraigh agus Bòrd nam Pròiseactan aig Bòrd Slàinte nan Eilean Siar a' coinneachadh a bheachdachadh air pàipear-gnothachais a chuireas taic ris a' phròiseact. Tha seo a' tighinn an dèidh dhan Chomhairliche Bharrach, Dòmhnall Manford, iarraidh air Rùnaire na Slàinte, Shona Robison, cabhag a chur air cùisean, a thug bliadhnaichean a' tighinn dhan ìre seo. Thuirt Dòmhnall Manford gu bheil e an dòchas gum faodadh obair tòiseachadh air an togalach ùr ro dheireadh na bliadhna.

An t-Eilean Sgitheanach

Thuirt ball na sgìre ann am Pàrlamaid na h-Alba, Ceit Fhoirbeis, gur aithne do Riaghaltas na h-Alba gu bheil cion bun-structair anns an Eilean Sgitheanach mu choinneimh àrdachadh mòr ann an àireamh an luchd-turais. Choinnich am Ball-Pàrlamaid ri Rùnaire a' Chultair agus Turasachd, Fiona Hyslop, an-dè a dh'innse dhi mun dragh gum faodadh cion ghoireasan, mar phàirceadh agus taighean-beaga, cron a dhèanamh air a' ghnìomhachas.