"Cum ris na h-aontaidhean mun chàball"

Crann-gaoithe

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil e riatanach gun tèid cumail ri na h-aontaidhean a chaidh a dhèanamh thuige seo mu chàball mhara tarsainn a' Chuain Sgìth.

Tha co-comhairle a' dol aig Riaghaltas Westminster an-dràsta air am bu chòir susbsadaidh a bhith ann do phròiseictean gaoithe eileanach.

Dh'innis an Riaghaltas an-uiridh nach biodh subsadaidh ann do leasachaidhean air tìr, rud a chuir ceist mhòr ùr mun chàball a tha san amharc eadar na h-Eileanan an Iar is Tìr-Mòr.

Tha Comhairle nan Eilean a-nise air dreach freagairt do cho-chomhairle an Riaghaltais ullachadh.

A rèir na Comhairle, bu chòir cumail ris na h-aontaidhean a chaidh a dhèanamh thuige seo mu càball.

Muir

Tha iad ag ràdh gun deach aonta a ruighinn le luchd-leasachaidh is riaghaltasan a bh' ann roimhe gum bu chòir do phròiseictean eileanach a bhith air an comharrachadh mar a bhith aig muir.

Thuirt iad gun deach seo aontachadh thar iomadh bliadhna is gur e mearachd a bhiodh ann tòiseachadh a-nise air slighe ùr, mearachd a chruthaicheadh mì-chinnnt cho mòr is gur dòcha nach rachadh an càball air adhart idir.

Ma 's e is nach fhaigh a' Chomhairle an toil, thuirt iad gum biodh iad deònach coimhead ri beachd sam bith eile a leigeadh leis a' chàball a dhol air adhart, mar eisimpleir nan stèidhicheadh an Riaghaltas subsadaidh ùr sònraichte do phròiseictean gaoithe eileanach ann an Alba, air neo tro iasad.

'S e cnag na cùise, ge-tà, gu bheil iad làidir nam beachd gur e na pròiseictean a chomharrachadh mar aig muir is na h-aontaidhean a chaidh a dhèanamh a chur an sàs an dòigh air adhart.

Thig a' cho-chomhairle gu ceann an ath-seachdain, is thig Ministear a' Chumhachd aig Westminster, Greg Clark air turas dha na h-Eileanan an Iar às dèidh sin.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile