Leisgeul airson dàil air co-dhùnadh FAI

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Oifis a' Chrùin duilich mun dàil air co-dhùnadh FAI air bàs teaghlaich ann an Uibhist.

Thabhainn Oifis a' Chrùin leisgeul air sgàth cho fada 's a thug e co-dhùnadh nach dèanar Rannsachadh Tubaist Bhàsmhoir air bàs teaghlaich ann an Uibhist.

Chaidh Eardsaidh Mac a' Phearsain, a bhean Murdina, an dithis cloinne Anndra agus Hannah, agus athair Murdina, Calum Caimbeul, a mharbhadh nuair a dh'fhalbh a' mhuir leis a' chàr aca 's iad a' dèanamh thar a' chabhsair eadar Uibhist a Deas agus Beinn nam Fadhla ann an droch stoirm san Fhaoilleach 2005.

Ann an litir a sgrìobh e gu BP nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill, thuirt am Morair Tagraidh, W. Seumas Wolffe QC, gun tàinig Neach-Tagraidh a' Chrùin dhan cho-dhùnadh gun rannsachadh tubaist bhàsmhoir a chumail air bàs an teaghlaich.

Image copyright Other
Image caption Bhàsaich Anndra agus Hannah Mac a' Phearsain anns an stoirm san Fhaoilleach 2005 cuideachd.

Thabhainn e leisgeul air sgàth cho fada 's a thug e tighinn dhan cho-dhùnadh.

Bha Oifis a' Chrùin a' feitheamh air aithisg bho rannsachadh a rinneadh air suidheachadh na Fadhla a Deas mus tigeadh iad gu co-dhùnadh.

Thuirt labhraiche bho Oifis a' Chrùin: "Tha sinn air leisgeul dha-rìribh a thabhainn air na teaghlaichean air sgàth cho fada 's a thug e dèiligeadh ris a' chùis a tha seo.

"An dèidh do Neach-Tagraidh a' Chrùin beachdachadh gu cùramach air a h-uile taobh den chùis, a' gabhail a-steach mholaidhean Rannsachaidh Uisge-eòlaich na Fadhla a Deas, agus faireachdainnean san sgìre, thàinig iad dhan cho-dhùnadh gun Rannsachadh Tubaist Bhàsmhoir a chumail air na bàis.

"Tha Neach-Tagraidh a' Chrùin sàsaichte gun do chuir an rannsachadh a h-uile fiosrachadh a tha ri fhaotainn fa chomhair a' phobaill, a' gabhail a-steach adhbharan na tuile, agus mholaidhean airson cùisean a dhèanamh nas sàbhailte san àm ri teachd, agus air a' bhun-stèidh sin chaidh co-dhùnadh nach eil adhbhar ann Rannsachadh Tubaist Bhàsmhoir a chumail.

"Thachair na bàis uabhasach seo mus do chuir Oifis a' Chrùin Aonad Sònraichte an Rannsachaidh Bhàsmhoir air bhonn, agus tha e soilleir nach do choilean gach cuid an ùine a thug e an co-dhùnadh a dhèanamh agus na thugadh seachad de mhìneachadh tron phròiseas na h-ìrean àrda air am bi sinn ag amas a-nis.

"Chaidh ceumannan a bharrachd a ghabhail a dhèanamh cinnteach nach tachair an leithid a-rithist, agus am Morair Tagraidh air ar dleastanasan a chur mu choinneimh na Pàrlamaid ann an Càirt a' Cho-luadair Theaghlaich."