Manach ga chur an grèim an Astràilia

An t-Ath. Denis Chrysostom Alexander

Chaidh fear a b' àbhaist a bhith na mhanach Chaitligeach agus a tha fo chasaidean gun robh e ri drabastachd chloinne aig sgoil air Ghàidhealtachd a chur an grèim ann an Astràilia.

Bha an t-Ath. Denis "Chrysostom" Alexander, a tha 80, air fear de ghrunn mhanach air an d' fhàgadh gun robh iad ri drabastachd an aghaidh bhalach aig seann Sgoil Abaid Chille Chuimein.

Thathas a' tuigsinn gun deach a chumail an grèim ann an Sidnidh, Astràilia, agus dùil gun tèid a chur a dh'Alba airson freagairt a thoirt air na casaidean sa chùirt.

Tha an t-Ath. Alexander riamh air a dhol às àicheadh nan casaidean.

Nochdaidh e sa chùirt ann an New South Wales Diciadain far an cluinnear co-dhiù tha e airson cur an aghaidh a thoirt a dh'Alba. Faodaidh e cuideachd iarraidh a bhith air a shaoradh air urras.

Tha fear den fheadhainn a tha a' cur drabastachd às a leth, Uisean Ceannadach, air a ràdh roimhe cho dòrainneach, deuchainneach 's a bha e a bhith a' feitheamh cho fada air gluasad bho ùghdarrasan na h-Alba sa chùis.

Chaidh inbhe na sagartachd a thoirt bhon Ath. Alexander ann na 2013, an dèidh prògram a rinn am BBC san deach na casaidean a chur fa chomhair.

Nochdaidh seann mhanach eile a bh' aig an sgoil sa chùirt an Alba a dh'aithghearr fo chasaidean ceangailte ri sreath de dh'ionnsaighean, agus tha Oifis a' Chrùin an Alba a' beachdachadh air seachd cùisean eile.

Chuir an Eaglais Chaitligeach an t-Ath. Alexander air ais a dh'Astràilia ann an 1979, an dèidh do dh'fhear eile a bha na sgoilear ann an Cille Chuimein casaidean drabastachd a chur às a leth.

Cha deach fios a chur air na Poilis aig an àm, agus cha deach rabhadh a thoirt don Eaglais ann an Astràilia mu na casaidean, agus lean an t-Ath. Alexander na shagairt còrr air 20 bliadhna eile.