Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 Am Faoilleach 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Trident

Tha cuideam ga chur air an Riaghaltas fiosrachadh a thoirt gu Taigh nan Cumantan mu mar a dh'fhàilig urchair Trident an-uiridh. Dh'fhoillsich an Sunday Times an-dè gun deach an urchair niùclasach, nach robh air a h-armachadh, a losgadh le aon de bhàtaichean-aigeann Bhreatainn far chosta nan Stàitean Aonaichte anns an Ògmhios. An àite a bhith a' dol a-mach dhan Chuan Siar ge-tà, chaidh an rocaid far a cùrsa agus thòisich i a' dèanamh air Florida.

Siria

Thòisich oidhirp às ùr ann an Casagstan airson fuasgladh fhaighinn air cogadh sìobhalta Shiria. Airson a' chiad uair tha na còmhraidhean sìth eadar riaghaltas Shiria agus na reubaltaich gan stèidheachadh leis an Ruis, Ioran agus an Tuirc seach na Dùthchannan Aonaichte. Airson a' chiad uair cuideachd 's iad riochdairean nam buidhnean reubaltach a tha os cionn taobh nan dùbhlanach.

Reamharachd

Dh'fhaodadh gum feumar ceumannan nach còrd ris a' mhòr-shluagh a ghabhail mar phàirt de dh'iomairt airson smachd fhaighinn air reamharachd ann an Alba. Tha Comataidh Slàinte na Pàrlamaid Albannaich ag ràdh gum bu chòir sealltainn ri rudan mar a bhith a' cuingealachadh chàraichean ann am bailtean agus a bhith ag àrdachadh chìsean parcaidh. Tha a' chomataidh ag aideachadh gum biodh duilgheadasan poilitigeach an lùib seo, ach gum faodadh e daoine a bhrosnachadh gus a bhith nas èasgaidh.

Penilee

Tha na deicheadan oifigearan poilis air a bhith a-muigh a' bruidhinn ri daoine air sràidean Penilee ann an Glaschu agus iad a' trusadh fiosrachaidh air mar a chaidh ionnsaigh ghunna a thoirt air fireannach a bha a' toirt leanaibh dhan sgoil. Chaidh Ross Monaghan a leòn air an t-seachdain seo chaidh nuair a chaidh losgadh air le fear a bh' air gunna fhalach ann an carbad-leanaibh. Dhearbh na Poilis gu bheil Mgr Monaghan, a chaidh fhaighinn neo-chiontach air casaid ionnsaigh le gunna o chionn còig bliadhna, air Alba fhàgail 's a dhol dhan Spàinn.

Clàran-ola

Thog fear a b' àbhaist a bhith na Rùnaire Cumhachd ceist air am bu chòir dhuinn a bhith a' toirt chlàran-ola anns a' Chuan a Tuath às a chèile nuair nach eil feum orra tuilleadh. Thuirt Ed Davey, a bha na mhinistear ann an riaghaltas na co-bhanntachd, gu bheil fianais ann gu bheil na seann chlàran a' toirt dachaigh do bheathaichean-mara, agus an àite a bhith gan toirt gu tìr gum bu chòir an t-airgead a chleachdadh airson piseach a thoirt air an àrainneachd. Chuir a' bhuidheann ghlèidhteachais, WWF Scotland, an aghaidh nam molaidhean ge-tà, 's iad ag ràdh nach urrainn do chompanaidhean ola a bhith a' seachnadh an dleastanasan.

Scotrail

Dh'fhoillsich Scotrail cò an ceannard ùr a bhios aca. Thig Alex Hynes a-steach an àite Phil Verster, a dh'fhoillsich air an t-seachdain seo chaidh gun robh e a' dol a ghluasad gu obair ùr anns a' ghnìomhachas ann an Sasainn. Tha Mgr Hynes an-dràsta na àrd-stiùiriche air a' chompanaidh rèile, Aviva Rail North.