Fios ga shireadh mu bhuaireadh an Eilginn

Dh'iarr na Poilis fiosrachadh bho dhuine sam bith a chunnaic buaireadh ann am meadhan Eilginn feasgar Disathairne.

Thuirt oifigich gu bheil fios aca mu bhideothan air na meadhanan sòisealta a sheall àimhreit sa bhaile às dèidh a' gheama ann an Cupa na h-Alba eadar Eilginn is Caley Thistle Inbhir Nis.

Bha mu 4,000 aig a' gheama is cha deach duine a chur an grèim.

Thuirt na Poilis gum bu chòir do dhuine sam bith a chunnaic àimhreit, no a chlàr dad de na bha a' dol air adhart, fios a chur orra.

Bhuannaich ICT an geama fhèin 2-1.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile