Tobar an t-seanchais air na Lochan

Sgìre nan Loch Image copyright londoneye / Geograph

Càite an robh na taighean saillidh ann an sgìre nan Lòch ann an Leòdhas? Càite an robh an cairidh is dè bh' ann?

'S e sin dìreach cuid de na ceistean a tha Comann Eachdraidh Cheann a Tuath nan Loch agus a' bhuidheann Cabraich a' freagairt is iad a' cruinneachadh fiosrachaidh mu sheann ainmean àite ann an sgìre nan Loch.

'S e miann na pròiseict seanchas a ghlèidheadh is seann ainmean àite is faclan a thoirt beò às ùr.

"Tha tòrr teicneòlais ann an-diugh a thaobh clàradh mapaichean agus tha e gu math duilich càil fhaighinn far am faod thu an t-ainm a th' aig na daoine anns an àite fhèin a chur air a' chlàr sin", thuirt Magaidh Nic a' Ghobhainn bho Chabraich.

Sgilean

"Bha sinne a' feuchainn ri dòigh eile fhaighinn timcheall air sin. Chaidh liostaichean a dhèanamh is bidh iad feumail gu daoine uaireigin, ach tha sinn a' coimhead ris bho thaobh dè am fiosrachadh eile a th' aig daoine is dè na sgilean a th' aca airson a bhith a' dèanamh rud às ùr", thuirt i.

Tha na fhuair iad thuige seo ga thoirt còmhla fon ainm 'Làraich', is bidh taisbeanadh ann aig deireadh an Fhaoillich.

Am measg eile, bidh cothrom ann coimhead air fiolm goirid a rinneadh an-uiridh, dealbhan den sgìre, agus a' coimhead air mapaichean den mhòintich, de leithid thobraichean is mhuilnean, agus de ghnothaichean iasgaich.

Tha na buidhnean cuideachd ag obair còmhla ri cloinn-sgoile san sgìre, is an dòchas an obair sin a leudachadh.

Thòisich iad mar-thà ann an Sgoil nan Loch.

"Lorg sinn fiosrachadh ceud bliadhna de dh'aois mu dheidhinn balach beag agus tha e a' dol a-mach còmhla ri athair is a mhàthair is iad a' dol a chruinneachadh ràth feamainn airson a dhol air na feannagan", thuirt Magaidh.

Sùileachan

"Seanchas beag snog a tha sin a bhios na shùileachan dha clann an là an-diugh.

"Thog sinn air sin, a' smaoineachadh dè seòrsa ròpa a bhiodh aca agus dè sèorsa clèibh airson an fheamainn a sgaoileadh air an talamh.

"Tha sinn a' dol a thoirt cuideigin a-steach dhan sgoil a bhios a' dèanamh ròpa agus clèibh airson ceangal a dhèanamh eadar an là an-diugh agus an t-seòrsa beatha a bh' aig daoine bho chionn ceud bliadhna.

Bidh an taisbeanadh aca Dihaoine an 28mh is Disathairne an 29mh den mhìos eadar 2:00f is 7:30f ann an Ionad Coimhearsnachd nan Loch ann an Liùrbost.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile