CnES gun ghearraidhean ùra

Comhairle nan Eilean Siar

Cha bhi aig Comhairle nan Eilean Siar ri gearraidhean ùra a dhèanamh am-bliadhna, a dh'aindeoin lùghdachaidh anns tha iad a' faighinn de dh'airgead bho Riaghaltas na h-Alba.

Tha easbhaidh de bheagan a bharrachd air £7m ann am buidseat na Comhairle airson na bliadhna a tha romhainn.

Ach le airgead a thig bho àrdachadh na cìse comhairle, sàbhailidhean a chomharraich iad an-uirridh, agus le a bhith a' cleachdadh airgid a th' aca ri làimh, chan eil gearraidhean ùra air fàire aig an ùghdarras am-bliadhna.

"Tha sinn air beagan ullachaidh a dhèanamh," thuirt Fear-Gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach.

"Dh'aontaich sinn buidseat dà bhliadhna an-uiridh agus tha sàbhalaidhean fhathast ri thighinn anns a' bhliadhna a tha romhainn, agus leis an airgead a tha a' dol a thighinn tro na sàbhalaidhean a tha sin, agus an t-airgead a tha sinn air a bhith a' cur an dàrna taobh thairis air na seachd no ochd bliadhnaichean a chaidh seachad, tha sinn a' smaoineachadh gum faigh sinn air dèiligeadh ris ma 's e 's gun aontaich a' Phàrlamaid ri buidseat an Riaghaltais, tha sinn a' smaoineachadh gum bi sinn an an suidheachadh far an urrainn dhuinn cumail ris na sàbhalaidhean a dh'aontaich sinn an-uiridh, agus £3m den £6m a th' againn air a chur an dàrna taobh gus nach bi an còrr shàbhalaidhean ri dhèanamh sa bhliadhna a tha romhainn.

"'S e fìrinn na cùise, thairis air an dusan bliadhna no an còrr a chaidh seachad, tha sinn air còrr air £25m a chall bhon airgead bhliadhnail, agus tha e air a bhith duilich dha-rìribh a bhith a' làimhseachadh bhuidseatan comhairle agus a' cur beagan an dàrna taobh a h-uile bliadhna.

"'S e sin a tha gar fàgail ann an suidheachadh far a bheil e comasach dhuinn gabhail ris a' bhuidseat a tha sinn a' faighinn bhon Riaghaltas am-bliadhna gun cus àmhghair, agus nach bi gearraidhean ann a bharrachd air an fheadhainn a dh'aontaich sinn mun àm seo an-uiridh airson dà bhliadhna," thuirt e.