Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

24 Am Faoilleach 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Feumaidh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte cead fhaighinn on Phàrlamaid mus cuir iad Artaigil 50 an sàs. Sin a rèir a' bhreithneachaidh a thàinig à Prìomh Chùirt na Rìoghachd Aonaichte an-diugh sa mhadainn. Bha ochdnar bhritheamhan air a shon agus triùir na aghaidh. Ach bhòt a' Chùirt gu h-aona-ghuthach nach leig an Riaghaltas a leas cead iarraidh bho phàrlamaidean agus seanaidhean na h-Alba, na Cuimrigh agus Èireann a Tuath.

Tha an SNP ag ràdh gum mol iad 50 atharrachadh susbainteach a dhèanamh air a' Bhile a chuireas Artaigil 50 an sàs. Thuirt na Làbaraich nach eil iad airson bacadh a chur air a' phròiseas, ach gu bheil iad airson 's gum bi bhòt aig a' Phàrlamaid air a' chòrdadh dheireannach a thèid a ruighinn air Brexit. Tha na Lib-Deamaich ag ràdh gun cùm iad orra a' putadh airson referendum eile air a' chùis.

Rèile

Tha mì-thoileachas a' fàs am measg luchd-cleachdaidh sheirbheisean rèile na h-Alba. Thuirt a' bhuidheann-faire, Transport Focus, gur e briseadh-dùil a bh' anns an lùghdachadh de sheachd puingean ann an Sgrùdadh Nàiseanta Luchd-siubhail na Rèile, gu h-àraid seach gun robh Scotrail air a bhith a' dèanamh glè mhath anns na sgrùdaidhean gu ruige seo.

Gas

A rèir Riaghladair a' Chumhachd, rinn siostam coimpiutaireachd a chaidh a chur an gnìomh le British Gas ann an 2014 dìmeas air luchd-cleachdaidh. Thuirt Ofgem gun robh na deicheadan mhìltean chunntasan cumhachd ceàrr no anmoch ann a bhith a' dol a-mach. Tha iad cuideachd ag ràdh nach deach dèiligeadh ri gearanan ann an dòigh a bha iomchaidh. Tha British Gas air aontachadh £9.5m a phàigheadh gu luchd-cleachdaidh ann an airgead-dìolaidh, agus airgead a thoirt do bhuidhinn charthannais a tha a' comhairleachadh dhaoine a th' ann am fiachan.

Comhairle nan Eilean Siar

Cha bhi aig Comhairle nan Eilean Siar ri gearraidhean ùra a dhèanamh am-bliadhna, a dh'aindeoin lùghdachaidh anns an airgead a gheibh iad bho Riaghaltas na h-Alba. Ged a tha easbhaidh de mu thimcheall air £7m ann am buidseat na comhairle airson na bliadhna ionmhais a tha romhainn, tha àrdachadh ann an cìs na comhairle, sàbhalaidhean a chaidh a chomharrachadh an-uiridh agus airgead eile a tha ri làimh a' ciallachadh nach bi aig an ùghdarras ri gearraidhean ùra a chur an sàs.

Ionnsaigh

Chaidh fireannach a shàthadh gu bàs air bus ann am Birmingham an-diugh sa mhadainn. Tha na Poilis ag ràdh gun robh an duine eadar 30 bliadhna agus 40 bliadhna de dh'aois. Thathas a' smaointinn gun deach ionnsaigh mhairbhteach a thoirt air às dèidh dha a dhol a throd le neach eile a bha a' siubhal air a' bhus.