Buannachdan mòra a' chàbaill - EDF

Crann

Rachadh còrr is 600 cosnadh a chruthachadh tro obair air càball ùr dealain eadar na h-Eileanan an Iar is Tìr-Mòr is na pròiseictean gaoithe a bhiodh na chois, a rèir aithisg ùir.

Thàinig an aithisg bhon chompanaidh EDF Energy Renewables, a tha iad fhèin an dùil tuathan-gaoithe a thogail ma thèid an càball air adhart.

'S e seo an fhreagairt a th' aca do cho-chomhairle Riaghaltas Westminster air subsadaidhean do phròiseactan gaoithe eileanach.

Thuirt EDF gun toireadh an càball is pròseictean gaoithe còrr is £700m a-steach dha eaconamaidh nan Eilean Siar, le buannachd nas motha buileach dha eaconamaidh na Rìoghachd san fharsaingeachd.

Bhiodh còrr is 600 obair ann fhad 's a bha obair-togail a' dol air adhart, ach tha EDF ag ràdh gum biodh na h-uimhir de chothroman cosnaidh a' leantainn nuair a bhiodh na pròiseictean a' dol.

Taic

A rèir EDF, tha muinntir nan Eilean Siar a' cur taic mhòir ri cumhachd ath-nuadhachaill.

Thuirt iad gun robh 80% a' cur taic ri cumhachd na gaoithe, is 70% airson is gum bi tuilleadh thuathan-gaoithe anns na h-Eileanan.

Tha mì-chinnt a' leantainn mun chàball.

Ged a bhathas an dòchas bho thùs gum biodh e ann ron seo, thàinig sreath de chnapan-starra san rathad air.

Thàinig buille ùr san t-Samhain an-uiridh is Riaghaltas Westminster ag innse nach biodh pròiseictean eileanach airidh air taic sa chuairt ùr de shubsadaidhean, is iad air a ràdh roimhe nach bi taic phoblach ann do phròiseictean air tìr tuilleadh.

Chuir an Riaghaltas an uairsin a' cho-chomhairle mu shuidheachadh nan eilean air dòigh.

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gum bu chòir dhan chàball is pròiseictean a bhith air an comharrachadh mar aig muir, is subsadaidh fhaighinn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile