Ceist mhòr mu Lifescan

LifeScan Scotland Image copyright Google
Image caption Tha 1,100 duine a' faighinn cosnaidh aig Lifescan ann an Inbhir Nis, a tha a' cruthachadh uidheamachd airson daoine air a bheil tinneas an t-siucair.

Tha dragh ann gun caill suas ri 80 duine an cosnadh aig Lifescan ann an Inbhir Nis às dèidh dhan chompanaidh Johnson and Johnson a tha ga ruith innse gu bheil iad a' dèanamh sgrùdaidh air ro-innleachd na buidhne.

Chaidh innse do luchd-obrach feasgar Dimàirt.

'S e Lifescan a' chompanaidh phrìobhaideach as motha a bhios a' toirt cosnaidh do dhaoine ann an Inbhir Nis.

Bidh a' chompanaidh a' cruthachadh uidheamachd airson daoine air a bheil tinneas an t-siucair, agus iad a' toirt cosnaidh do 1,100 duine sa bhaile.

Am measg na h-uidheamachd a tha iad a' dèanamh, tha innealan a bhios ag innse do dh'euslaintich dè an ìre de shiucair a tha san fhuil aca.

Às dèidh do Johnson and Johnson innse dha na margaidhean ionmhais nach robh iad a' reic aig an ìre aig an robh iad a' sùileachadh, thuirt iad gun robh iad a' coimhead air diofar roghainnean airson Lifescan.

Thuirt iad gum faodadh iad a reic neo companaidhean eile a lorg a dh'fhaodadh obrachadh còmhla riutha.

Thuirt am Ball-Pàrlamaid airson na sgìre, Drew Hendry, gur e adhbhar iomagain a tha seo dha na daoine a tha ag obair ann is gur e companaidh chudromach a th' ann a thaobh chosnaidhean sa bhaile.

As t-Samhradh seo chaidh dh'ainmich Riaghaltas na h-Alba gun robh iad a' dol a thoirt seachad maoineachaidh de £1.8m airson suas ri 600 dreuchd a chumail a dol.

Ged a dheadh an làrach a reic ge-tà, tha na h-uimhir de dhòchas ann ri linn rudan eile co-cheangailte ris a' ghnìomhachas aca a tha a' dol air adhart faisg air.

"Far a bheil Lifescan, tha gnìomhachasan eile timcheall orra leithid an Centre for Health Science, an campas tarsainn an rathaid le UHI ann, Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, agus fiù 's ri taobh Ospadail an Ràthaig Mhòir tha Oilthigh Shruighlea a' trèanadh nursaichean," thuirt an Comh. Ailig Greumach.

"So tha gnìomhachasan saidheans a' cruinneachadh timcheall air a' phàirt a tha sin de dh'Inbhir Nis, agus bidh sinn an dòchas gur e raon a tha sin as urrainn dha Inbhir Nis, dhan Ghàidhealtachd, a chumail a' dol a' leudachadh a-mach 's tòiseachadh tarraing a-steach ghnìomhachasan eile cuideachd anns an aon raon," thuirt e.