Èisteachd mhanaich ga cur dheth

An t-Ath. Denis Chrysostom Alexander

Chaidh èisteachd cùirte ann an Astràilia mu bhith a' cur seann mhanaich Chaitligich a dh'Alba a chur dheth chun na h-ath-mhìos.

Tha an t-Ath. Denis "Chrysostom" Alexander, a tha 80, fo chasaid gun robh e ri ionnsaighean drabasta an aghaidh chloinne fhad 's a bha e ag obair aig seann Sgoil Abaid Chille Chuimein.

Tha e riamh air a dhol às àicheadh nan casaidean.

Thug Maighstir-Lagha ann an Sidnidh ge-tà, ùine a bharrachd dha iarrtas a dhèanamh gun deadh a shaoradh air urras.

Tha dùil gun nochd e sa chùirt a-rithist air 13mh an Gearran.

Nì am Maighstir-Lagha an uairsin co-dhùnadh co-dhiù an tèid èisteachd a thoirt do dh'oidhirp stad a chur air an t-Ath. Alexander a bhith air a chur a dh'Alba.

Tuilleadh air an sgeulachd seo