Gearraidhean mòra ro NHS na Gàidhealtachd

Uard Image copyright Science Photo Library

Feumaidh Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd gearraidhean suas ri £100m a chur an sàs thar an ath-thrì bliadhna.

Cho-dhùin aithisg a thugadh do bhuill a' Bhùird gum feumar modal a' chùraim a thathas a' toirt seachad air a' Ghàidhealtachd atharrachadh.

Tha an aithisg cuideachd ag ràdh gu bheil planaichean an Riaghaltais Albannaich a' tabhann "chothroman mòra" a thaobh airgead a chur a-steach gu cùram coimhearsnachd, agus cuideachd dèiligeadh ri bacadh air leapannan ospadail.

Tha NHS na Gàidhealtachd am-bliadhna a' feuchainn ri cha mhòr £29m a chùmhnadh.

An ath-bhliadhna bidh targaid a dhà uimhir nas motha romhpa, 's aca ri £50m eile a ghearradh gus am buidseat a chothromachadh.

"Thar an ath-thrì bliadhna ionmhais (2017-2020) tha dùil gum feumar timcheall air £100m a chùmhnadh," thuirt an aithisg.

"Chan fhacas cùmhnaidhean cho mòr seo roimhe, agus tha e soilleir nach fhoghain "an còrr den àbhaist" ann a bhith a' toirt seachad plana chothromaich, agus ri linn sin feumar am modal de chùram a thathas a' toirt seachad atharrachadh."

"