Gearan mu sheirbheis adhair Bheinn na Fadhla

Raon-laighe Bheinn nam Fadhla Image copyright Geograph/Greg Morss

Tha gearan ann gun toir atharrachadh a tha Loganair a' toirt air clàr-ama a' phleàna eadar Steòrnabhagh agus Beinn nam Fadhla droch bhuaidh air euslaintich ann an Uibhist.

Bho dheireadh a' Mhàirt cha bhi ach aon de na seirbheisean san là a' cheangal ris an t-seirbheis eadar Steòrnabhagh agus Inbhir Nis, rud a bhios na thrioblaid, tha iad ag ràdh, do dh'euslaintich agus do dhotairean.

An-dràsta tha seirbheis Bheinn nam Fadhla a' ceangal ris an t-seirbheis eadar Steòrnabhagh agus Inbhir Nis sa mhadainn agus tron feasgar.

Ach, air an 27mh den Mhàirt tòisichidh clàr-ama an t-Samhraidh agus leis gu bheil na h-amanan siubhail aig dà sheirbheis sa mhadainn a' dol a dh'atharrachadh cha bhi ceangal eadar Inbhir Nis agus Beinn nam Fadhla ach air an fheasgar.

Thuirt NHS nan Eilean Siar gun toir an t-atharrachadh sin droch bhuaidh air euslaintich a dh'fheumas siubhail a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir airson cùraim.

Dh'fhaodadh gum bi aca ri oidhche a bharrachd a chur seachad air falbh bhon taigh.

Thuirt am bòrd-slàinte cuideachd gu bheil iad fhathast a' measadh a' bhuaidh a bheir seo air seirbheisean meidigeach a tha a' dol a dh'Uibhist à Tìr-Mòr.

Òrdugh Poblach

'S e seirbheis choimhearsalta a tha eadar Steòrnabhagh agus Inbhir Nis

Tha an t-seirbheis adhair eadar Beinn nam Fadhla agus Steòrnabhagh ga ruith fo òrdugh seirbheis phoblaich agus tha sin air a dhol a-mach gu tairgse airson cùmhnant ùir.

Thuirt fear de chomhairlichean Bheinn nam Fadhla agus Uibhist a Tuath, Uisdean Robasdan, gur e seirbheis Bheinn nam Fadhla agus Steòrnabhagh a-mhàin as urrainn do chomhairlichean gnothach a ghabhail ris, gu ìre mhòir, leis gur i sin an t-seirbheis ris a bheil iad a' cur airgid.

"Na seirbheisean agus na h-itealain a tha a' tighinn a-staigh a Steòrnabhagh à Dùn Èideann agus Glaschu, Inbhir Nis, 's e gnothach coimearsalta a tha sin do Loganair fhèin," thuirt e.

Ann an 2013 chaidh an t-seirbheis eadar Beinn nam Fadhla agus Steòrnabhagh a ghearradh bho chòig là san t-seachdain gu trì, le itealan a' dol eadar an dà phort-adhair dà thuras san là air Dimàirt, Diciadain agus Diardaoin.

Tha a' Chomhairle airson gum bi sin a' tachairt còig là san t-seachdain.

Conaltradh

Thuirt fear-labhairt bho Loganair gun do chuir iad tagradh a-steach airson leantainn leis a' cheangal eadar Beinn nam Fadhla agus Steòrnabhagh.

"Ma shoirbhicheas leinn bhiodh sinn an dùil gum biodh amannan siubhail mar phàirt de chonaltradh sam bith le Comhairle nan Eilean Siar," thuirt e.

Dh'innis Loganair cuideachd gun robh iad a' cur sheirbheisean a bharrachd a Bharraigh agus a Thiriodh eadar an Ògmhios agus an Lùnastal.

Bidh 17 seirbheisean air ais 's air adhart eadar Barraigh agus Glaschu, le ochd seirbheisean a bharrachd a' tighinn air ais 's air adhart eadar Tiriodh agus Glaschu.

Cuiridh iad plèana nas motha, Saab 340, air an t-slighe aig na h-amannan as trainge leithid nuair a bhios rèis 10 cilemeatair ann sa Ghiblean, aig àm Fèis Chiùil Thiriodh san Iuchar agus an ultra-marathon san t-Sultain.

Thuirt Loganair gun tàinig an t-iarrtas bho dhaoine anns na h-eileanan sin.