Roghainn air fàire

Tha roghainn air fàire do Nicola Sturgeon.

An-uiridh, air an latha às dèidh an reifrinn a bheir an Rìoghachd Aonaichte a-mach às an Aonadh Eòrpach choisinn am prìomh mhinistear cliù dhi fhèin airson soilleireachd.

Nuair nach robh fhios aig duine - fiù 's an fheadhainn a bha airson Brexit - dè bha a' dol aig Westminster, bha plana aig an tè ann an Taigh a' Bhòid.

Bhòt mòr-chuid ann an Alba airson fuireachd anns an Aonadh Eòrpach agus bha thuirt Ms Sturgeon gum b' e a dleastanas mar phrìomh mhinistear an roghainn aca a chur an gnìomh.

Agus, mura gabhadh sin dèanamh taobh a-staigh na Rìoghachd Aonaichte, bhiodh ceist na neo-eisimeileachd "air air a' bhòrd".

Ceart no ceàrr, bha an teachdaireachd aice sìmplidh gu leòr.

Cuideam

Tha còrr is seachd mìos a dhol seachad on latha sin agus tha gu leòr air atharrachadh.

Tha prìomhaire ùr againn, a chuir seachad leth bhliadhna a' cumail plana sam bith a bha aice am falach.

Ach mean air mhean tha na tha air fàire do Bhreatainn taobh a-muigh an Aonaidh Eòrpaich air fàs nas soilleire.

Mhothaich cuid nach b'fhada gun do dh'atharraich cainnt a' phrìomh mhinisteir, a ghluais am cuideam aice bhon Aonadh Eòrpach don Mhargaid Singilte.

Leig sin le Nicola Sturgeon brath a ghabhail air tost Àireimh a Deich mu bhrìgh Brexit, a' cur an roghainn aice dàrna reifreann don dàrna taobh fhad is a bha cùisean troimh-a-chèile mu dheas.

Dh'atharraich sin uile anns na beagan làithean a dh'fhalbh.

Buaidh

Na h-òraid an t-seachdain a chaidh, dhearbh Theresa May nach biodh an Rìoghachd Aonaichte anns a' mhargaid singilte às dèidh Brexit.

Chaidh fàilte a chur air soilleireachd Mrs May anns an Roinn Eòrpa fhèin ge beag am moladh a fhuair i bhon SNP.

Tha na nàiseantaich - a bharrachd aig na Làbaraich, na Lib Deamaich agus na h-Uainich aig Holyrood - air draghan a thogail mun bhuaidh a bheireadh sin air eaconomaidh na h-Alba.

Ach tha a' bhuaidh phoileataigeach dragh iomagaineach do Ms Sturgeon.

Tha soilleireachd Mrs May a' gearradh na h-ùine a tha aice gus roghainn an reifrinn a dhèanamh.

Agus leis na cunntasan-bheachd fhathast a' sealtainn beag-chuid a' cur taic ri neo-eisimeilachd, b'fheàrr leatha bearrachd dhith.

Èisteachd

Nan robh smachd aig a' phrìomh mhinisteir air a' chlàr-ama, chaidh a toirt bhuaipe.

Dhearbh a' Phrìomh Chùirt nach feumadh Westminster èisteachd ri Holyrood air Artagail 50, ged a tha dùil ri bhòt anns a' Phàrlamaid Albannaich co-dhiù.

Is coltach a-nis nach eil càil a' seasamh eadar Nicola Sturgeon agus dàrna reifreann a-nis ach freagairt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte don phlana a dh'fhoillsich i ron Nollaig gus Alba a chumail anns a' Mhargaid Singilte mar phàirt den Rìoghachd Aonaichte.

Tha ministearan Albannach ag ràdh nach eil an doras dùinte don phlana sin - ach is coltach gu bheil e a' dùnadh.

Thuirt Nicola Sturgeon gun robh roghainn a' dlùthchadh oirrn.

Is ann aice a bhios an roghainn anns a' chiad dol a-mach agus tha an tìde a ruith oirre a dhèanamh.