Dragh mu phlanaichean foghlaim

Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Tha a' Chomhairle a' tighinn fo ìmpidh tuilleadh co-chomhairleachaidh a dhèanamh

Tha am Ball-Pàrlamaid Albannach Ceit Fhoirbheis a' moladh dàil a chuir air co-dhùnadh mu phlana fom biodh aon ceannard os cionn grunn sgoiltean air a' Ghàidhealtachd.

Fon mholadh a thèid air beulaibh Chomataidh Foghlaim na Comhairle Diardaoin, dh'fhaodadh aon cheannard a bhith os cionn suas ri còig bun-sgoiltean anns an sgìre.

Tha Dòrnach, Fàrr, Malaig agus am Ploc a-measg nan sgìrean anns am faodadh seo tachairt.

Tha a' Chomhairle ag ràdh gun caomhnadh seo airgead, agus gun cuidicheadh e le bhith a' glèidheadh bhun-sgoiltean anns nach eil ach àireamh bheag de chloinn.

Co-chomhairleachadh

Tha Ceit Fhoirbeis ag ràdh ge-tà nach deach co-chomhairleachadh ceart a dhèanamh air na planaichean agus gum bu chòir co-dhùnadh a chuir dheth gus an tachair sin.

Thuirt i gu robh pàrantan, comhairlichean agus tidsearan air fios a chuir thuice 's dragh orra mu na thathas a' moladh.

Tha i mothachail, thuirt i, gum feum a' Chomhairle airgead a shàbhaladh ach nach eil adbhar aca a bhith a' gluasad gu cabhagach air ceist mar seo.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile