Co-chomhairle ùr mu S2S

Beul Linne Chrombaigh Image copyright Sylvia Duckworth/Geograph

Thèid co-chomhairle ùr a dhèanamh air planaichean gus ola a ghluasad eadar soithichean air acair an Linne Mhoireibh.

Tha Ùghdarras Cala Chrombaigh a tha a' sireadh cead airson a' phlana, ag ràdh gur e rud àbhaisteach a th' ann a bhith a' tarraing air ais tagraidh is an uairsin ga chur air adhart a-rithist.

Tha luchd-iomairt ag ràdh nach eil na planaichean aig Ùghdarras Cala Chrombaigh - a dh'fheumas cead bho Bhuidhinn na Mara 's nam Maor-Cladaich - sàbhailte.

A rèir luchd-iomairt, dh'fhaodadh seo cron mòr a dhèanamh air an àrainneachd.

Thàinig e am bàrr an t-seachdain seo gun do dh'iarr an MCA air an ùghdarras an tagradh a tharraing, is a chur a-steach às ùr.

Bidh sin a' ciallachadh gum bi co-chomhairle ùr ann.

Thuirt Àrd-Stiùriche Ùghdarras Cala Chrombaigh, Bob Buskie, gu bheil seo na phàirt den phròiseas àbhaisteach.

Thuirt e gun deach atharrachaidhean a dhèanamh ris an tagradh, is gu bheil e misneachail gum bi daoine riaraichte leis.

Thig fiosrachadh a bharrachd mun cho-chomhairle ùr an ceartuair.