"Bu chòir don Riaghaltas a dhol an sàs"

Coimisean na Croitearachd

Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba a dhol an sàs ann an suidheachadh Choimisean na Croitearachd a dh'aindeoin is nach eil ach beagan sheachdainnean gu taghadh a' Choimisein, a rèir chomhairliche Uibhistich.

Thuirt cathraiche Comataidh Croitearachd Chomhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan oidhche Chiadain, is e a' bruidhinn aig buidhinn croitearachd na Pàrlamaid Albannaich.

Chan eil Mgr Robasdan idir riaraichte gu bheil coltas ann gun seachainn an Riaghaltas a' chùis gu às dèidh an taghaidh sa Mhàrt, agus cha robh e toilichte a bharrachd leis na chuala e bho Àrd-Oifigear a' Choimisein, Bill Barron, oidhche Chiadain.

"Tha mi a' smaoineachadh gun robh an fhreagairt a fhuair sinn caran truagh," thuirt Mgr Robasdan.

Làmh nas Làidire

"Gun robh iad a' sguabadh a h-uile rud a chaidh seachad fon bhòrd.

"Chaidh tòrr cheistean a chur orra le Caidreachas nan Croitearan bho chionn fhada, agus thuirt iad nach robh iad a' dol gam freagairt idir, gun robh iad airson gluasad air adhart gu tòiseachadainn ùr.

"Tha taghaidhean gus a bhith oirnn. Bidh na h-ainmean a-staigh Diardaoin uaireigin, agus 's dòcha gum bi fhios againn feasgar Dihaoine cò a bhios a' seasamh," thuirt e.

A' bruidhinn aig Buidheann Croitearachd na Pàrlamaid oidhche Chiadain, thuirt Àrd-Oifigear a' Choimisein, Bill Barron, gun robh obair a' Choimisein a' dol air adhart gu h-àbhaisteach a dh'aindeoin na connspaid.

"Tha e doirbh a chreidsinn, feumaidh mi a ràdh, gun urrainn dha na Coimiseanairean an obair làitheil a dhèanamh leis a' chonnspaid a tha a' dol air adhart, agus na duilgheadasan a th' ann eadar na buill a tha timcheall a' bhùird," thuirt Mgr Robasdan.

"Tha duilgheadas mòr an lùib croitearachd - chan e a-mhàin leis a' Choimisean ach le iomadach rud eile.

"Tha e ro fhurasta 's dòcha rudan a chur an dàrna taobh 's gun dèiligeadh leotha.

"Tha mi a' smaoineachadh gum feum sinn ionnsachadh às na rudan a th' air tachairt, a dhèanamh cinnteach nach tachair iad a-rithist.

"Tha làn-àm aig an Riaghaltas fhèin làmh nas làidire a ghabhail leis na buill a th' anns na, ma dh'fhaodas mi a ràdh, na quangos a tha timcheall an àite, aig a bheil tòrr buaidh air dè tha a' tachairt ann an saoghal na croitearachd.

"Tha mi a' smaoineachadh gu ìre nach eil dha-rìribh tuigse aca ann na croitearachd a tha a' tachairt ann an sgìrean ionadail.

"Bhiodh e feumail, agus tha mi an dòchas gum faic sinn an turas seo, gum bi buill anns a' Choimisean fhèin a tha ag obair an lùib croitearachd o là gu là, agus a tha a' tuigsinn nan duilgheadasan a tha an lùib croitearachd anns an àm a tha seo," thuirt e.