Cead do "chruinn-sgoiltean"

Comhairle na Gàidhealtachd

Thug comhairlichean air Ghàidhealtachd cead do phlanaichean airson ceannardan àrd-sgoile a chur os cionn suas ri sia sgoiltean.

Tha na molaidhean airson "Cruinn-Sgoiltean" (School Clusters) ag amas air fuasgladh fhaighinn air gainnead cheannardan sgoile ann an sgirean dùthchail.

Ach chaidh dàil a chur air na planaichean anns an dà sgìre, agus daoine air draghan a chur an cèill nach deach am pròiseas a mhìneachadh gu ceart.

Chuala Comataidh Foghlaim na Comhairle gu bheil pàrantan ann am Fàrr an Dùthaich MhicAoidh agus ann am Malaig a' faireachdainn nach deach co-chomhairle cheart a chumail leotha.

Cha tèid co-dhùnadh a dhèanamh air a' phlana dhan dà sgìre sin a-nis chun a' Mhàirt, agus ceannard na Comhairle, Mairead Davidson, ag ràdh gu bheil e deatamach gum bi a h-uile duine ag aontachadh leis na planaichean mus tèid iad air adhart.