Ministear an dùil ri piseach

MV Coir' Uisg'
Image caption Tha muinntir Shlèite airson gun tèid an MV Coir' Uisg' a thilleadh chun na slighe.

Tha Ministear na Còmdhail 's nan Eilean aig Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil e earbsach gum bi clàr-ama an t-Samhraidh airson seribheisean aiseig eadar Armadal agus Malaig a' riuth nas fheàrr am-bliadhna an coimeas ris an-uiridh.

Bha Humza Yousaf a' bruidhinn aig Holyrood agus am Pàrtaidh Tòraidheach ag iarraidh air dèanamh cinnteach gum bi soithichean freagarrach gan cur air an t-slighe eadar Tìr-Mòr agus an t-Eilean Sgitheanach.

Dh'aidich am ministear roimhe nach robh an t-seirbheis a bh' ann an-uiridh iomchaidh dhan dà chuid luchd-turais agus do mhuinntir an àite a th' air a bhith a' strì gus an MV Coir' Uisg' fhaighinn air an t-slighe a-rithist - rud a chaidh a dhiùltadh dhaibh.