Ceist mu inbhe na maraige duibhe

Marag Dhubh Steòrnabhaigh
Image caption Chaidh an inbhe shònraichte a thoirt dhan mharaig dhuibh bho chionn ceithir bliadhna.

Tha a' mhì-chinnt a' tha a' cuairteachadh Bhrexit a' toirt buaidh air fear de na stuthan bìdh as ainmeile san h-Eileanan an Iar, gun luaidh air Alba air fad.

Tha bùidsearan a tha a' dèanamh marag dhubh Steòrnabhaigh a' sireadh barrantais bho mhinistearan nach caill i an t-inbhe shònraichte Eòrpach a tha ga dìon.

Fhuair an t-annlan eileanach inbhe shònraichte bhon Aonadh Eòrpach bho chionn ceithir bliadhna.

Thug sin an aon inbhe dha 's a tha aig leithid Champagne agus an pastaidhean a' Chùirn.

Barrantas

Tha e a' ciallachadh nach fhaod ach marag a tha air a dèanamh ann an Steòrnabhagh ainm a' bhaile a chleachdadh.

As dèidh bhòt Brexit ge-tà, tha ceist air bùidsearan an eilein dè tha a' dol a thachairt dhan aonta a rinn iad strì làidir airson fhaighinn.

Tha faisg air 80 stuth Breatannach aig a bheil inbhe Eòrpach mar seo.

Bha riochdairean à Steòrnabhagh am measg chompanaidhean eile aig coinneamh le ministearan riaghaltais ann an Lunnainn bho chionn ghoirid - a' sireadh barrantais bhuapa gun lean an dìon laghail seo.

Thèid buidheann-obrach a stèidheachadh le companaidhean agus oifigearan riaghaltais airson sgeama ùr a stèidheachadh.