Ceist mu inbhe marag dhubh Steòrnabhaigh

Marag Dhubh Steòrnabhaigh

Tha a' mhì-chinnt a tha a' cuairteachadh Bhrexit a' toirt buaidh air fear de na stuthan bìdhe as ainmeile sna h-Eileanan an Iar, gun luaidh air Alba air fad.

Tha bùidsearan a tha a' dèanamh marag dhubh Steòrnabhaigh a' sireadh barrantais bho mhinistearan nach caill i an inbhe shònraichte Eòrpach a tha ga dìon.

Fhuair an t-annlan Eileanach inbhe shònraichte bhon Aonadh Eòrpach bho chionn ceithir bliadhna, cleas mar a fhuair Champagne, agus pastaidhean a' Chùirn.

Cha d' fhuair sinn fiosrachadh sam bith co-dhiù leanas an t-inbhe nuair a dh'fhàgas sinn an t-Aonadh Eòrpach," thuirt Iain Mac a' Ghobhainn, a tha na stiùiriche aig Bùth Bhùidseir John Willie MhicDhòmhnaill, agus na bhall de Chomann Marag Dhubh Steòrnabhaigh.

"Chan eil e soilleir idir 's chan eil fhios againn dha-rìribh dè tha a' dol air adhart.

"Nan cailleamaid an t-inbhe, saoilidh mi, seach gu bheil cliù nas motha againn a-nis, gum biodh barrachd dhaoine a' toirt a chreidsinn gur e marag dhubh Steòrnabhaigh a bha iad a' dèanamh, a' cleachdadh an ainm," thuirt e.

Tha faisg air 80 stuth Breatannach aig a bheil inbhe shònraichte Eòrpach mar seo.

Bha riochdairean Marag Dhubh Steòrnabhaigh am measg riochdairean chompanaidhean eile aig coinneimh le mininstearan riaghaltais ann an Lunnainn o chionn ghoirid a' sireadh barrantais bhuapa gun lean an t-aonta.

"Choinnich sinn mar bhuidhinn de bhuill de Bhuidhinn nan Ainmean Bìdhe Tèarainte ri DEFRA agus le Seòras Eustace a tha na mhinistear airson Bìdh, an Iasgaich agus Àiteachais," thuirt Rhona Dhòmhnallach, bho Bhùth Bhùidseir Charlie Barley's.

"Agus a' dol air adhart tha misneachd mhòr againn gun tèid ceumannan a ghabhail gus sgeama ùr a stèidheachadh, agus a thoirt nan rudan math uile bhon sgeama a th' ann, 's an cur an lùib na sgeama ùire."

Thèid buidheann obrach a stèidheachadh le companaidhean agus oifigearan riaghaltais airson sgeama ùr a stèidheachadh a nì cinnteach gun tèid cliù marag dhubh à Steòrnabhagh a dhìon.