Tuilleadh ionadan-obrach gus dùnadh

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air planaichean ùra fhoillseachadh gus ionadan-obrach air a' Ghàidhealtachd a dhùnadh, agus aca ri dèiligeadh ri togalaichean nach eil air an cleachdadh gu leòr.

Am measg nan àiteachan far an toir seo buaidh tha Inbhir Nis agus Inbhir Ùige.

Tha ionad a th' air a bhith aig Taigh Chinn an Loch ann am Beinn nam Fadhla a' dùnadh gu h-oifigeil, ged a tha an t-ionad-obrach, agus an neach a tha ga ruith, air gluasad gu oifisean Chomhairle nan Eilean Siar ann am Baile a' Mhanaich, agus gun lean an t-seirbheis.

Bidh seirbheis Uibhist air a leudachadh ri linn 's gu bheil e a-nis comasach seiseanan bhideo a ruith - rud nach gabhadh dèanamh anns an t-seann oifis.

Bidh an neach-obrach a tha stèidhichte ann am Beinn nam Fadhla fathast a' ruith seiseannan ann am Barraigh cuideachd.

Thuirt oifigich an aonaidh gu bheileas gu bhith a' dùnadh còrr air 10% de na h-ionadan-obrach air feadh Bhreatainn, agus gum bi na mìltean obraichean ann an cunnart air a shàilleabh.

Thuirt Roinn na h-Obrach 's nam Peinnsean gu bheileas an dùil an luchd-obrach a ghluasad gu ionadan eile agus nach cailleadh mòran an cuid obrach.