Rabhadh mu fhoill sna h-Eileanan

Airgead Image copyright PA

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh air Eileanaich a bhith air am faiceall às dèidh aithrisean gu bheil buidheann de dh'eucoirich ri foill air a' fòn.

Tha na h-eucoraich ag ràdh gu bheil banca iondail fo sgrùdadh agus gum bu chòir do dhaoine an cuid airgid a chur ann an cunntas eile - a bhuineas do na h-eucoirich.

Tha iad cuideachd ag innse do dhaoine nach bu chòir earbsa a bhith aca ann an duine sam bith a tha ag obair sa bhanca is a tha a' ceasnachadh carson a tha iad a' gluasad airgid eadar na cunntasan.

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil blas Tìr-Mòr air cainnt nan daoine a tha a' fònadh agus nach bi an àireamh aca a' nochdadh.

A thuilleadh air comhairleachadh gun fiosrachadh pearsanta sam bith a thoirt seachad air a' fòn, tha na Poilis is Roinn Inbhean Malairt ag iarraidh gun innis daoine dhaibh ma dh'fhònas daoine thuca is iad ri foill.