Àrd-Stiùiriche Stòras Uibhist a' falbh

Tràigh an Uibhist a Deas Image copyright Catherine Morgan/Geograph

Tha Àrd-Stiùiriche Stòras Uibhist, Fraser Quin, air a dhreuchd a leigeil dheth.

Thuirt a' chompanaidh gur ann air adhbharan pearsanta a tha Mgr Quin a' fàgail na companaidh.

"Tha mi duilich innse gu bheil mi a' leigeil dhiom mo dhreuchd aig Stòras Uibhist aig an àm seo," thuirt Mgr Quin.

"Chòrd an ùine a chuir mi seachad ann an Uibhist a Deas rium gu mòr, agus a bhith a' cur ris a' chompanaidh choimhearsnachd agus na h-Eileanan.

"Bidh mi ag ionndrainn an luchd-obrach agus an iomadh caraid a rinn mi ann an Uibhist a Deas."

Thuirt Cathraiche na companaidh, Aonghas MacIlleMhaoil: "Tha am bòrd a' gabhail ri co-dhùnadh Fraser gluasad air adhart gu dùbhlain eile.

"Tha am bòrd gu math taingeil airson na chuir e ris a' chompanaidh aig àm atharrachaidh ann an Stòras Uibhist.

"Thaisbeann Fraser neart mòr, dealas agus lèirsinn ann a bhith a' toirt na companaidh coimhearsnachd air aghaidh."