Àrd-Oifigear ùr aig a' Choimisean

Bill Barron

Chaidh àrd-oifigear ùr làn-ùine ainmeachadh gu Coimisean na Croitearachd le Riaghaltas na h-Alba.

Tha Bill Barron air an dreuchd fhaighinn às dèidh dha a bhith trì mìosan na àrd-oifigear eadar-amail aig a' Choimisean.

Ghabh Mgr Barron thairis an dreuchd gu h-eadar-amail san Damhair an-uiridh às dèidh do Chatriona Nic'illEathain a dreuchd a leigeil dhith.

Ron sin bha e air a bhith ochd bliadhna ag obair air poileasaidh taigheadais an Riaghaltais Albannaich.

Ag ainmeachadh Mhgr Barron mar àrd-oifigear maireannach, thuirt Rùnaire na h-Eaconamaidh Dùthchail, Fearghas Ewing, gun toireadh e sgilean ceannais chun na dreuchd.

Tha cùisean air a bhith riaslach dhan Choimisean thairis air na neagan mhìosan a dh'fhalbh às dèidh connspaid le croitearan ann an Leòdhas mu thalamh-ionaltraidh.

Thuirt Mgr Barron gun cum e air ag obrachadh gus croitearachd a bhrosnachadh, agus ag ullachadh airson nan taghaidhean sa Mhàrt far an tèid bòrd ùr a thaghadh dhan Choimisean.